Cuairt-litir #46

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Joanna Cherry

Tha BP an SNP, Joanna Cherry, air gairm air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte rannsachadh a dhèanamh air a’ bhuaidh a tha an iomairt airson còraichean tar-ghnèitheach a’ toirt air còraichean bhoireannach is leasbach.

Thàinig a gairm an latha an dèidh Trans Day of Remembrance a chomharraich na bàsan de 321 neach tar-ghnèitheach air feadh an t-saoghail thairis air a’ bhliadhna mu dheireadh.

Tha Cherry, a tha na leasbach, air a bhith glè thàireil dhen iomairt airson còraichean tar-ghnèitheach san àm a dh’fhalbh.

Thug i càineadh àrd-bhriathrach air bile aithneachadh gnè Pàrlamaid na h-Alba agus i air ràdh roimhe gum bu chòir cleachdaidhean ris an canar “teiripe iompachaidh” a bhith laghail ann an cuid de chùisean.

(Un)Seen, (Un)Heard

Tha LGBT Youth Scotland a’ stiùireadh pròiseact, air a bheil (Un)Seen, (Un)Heard, gus sgeulachdan Albannaich òga LGDTCEN+ a chlàradh is a ghlèidheadh.

Thèid an cruinneachadh a thaisbeanadh air feadh na h-Alba tràth an ath-bhliadhna mus tèid a chur ann an tasg-lann aig Leabhar-lann Nàiseanta na h-Alba.

Bu chòir do neach sam bith tha airson sgeulachd a chur ris a’ chruinneachadh fios a leigeil do unseenunheard@lgbtyouth.org.uk.

HIV Ireland

Tha HIV Ireland agus an aplacaid-suirghe ghèidh, Grindr, air seirbheis ùr a chur air bhog gus deuchainnean HIV an-asgaidh a thabhann do chleachdaichean na h-aplacaide ann an Èirinn.

Gabhaidh na deuchainnean a chleachdadh aig an taigh is thèid an cur a-mach tron phost ann am pacaid dheiscreideach.

Gheibhear toraidhean an dèidh 15 mionaidean agus a-rèir HIV Ireland tha ìre pongalachd 99 sa cheud aca nan tèid an cleachdadh 12 seachdainean an dèidh nochdadh ri HIV.

Florida

Mhol an Riochdaire Ryan Chamberlain bile a leudaicheas an lagh ris an canar “Don’t Say Gay” gus a dhèanamh mì-laghail riochdairean ròghnaichte neach a chleachdadh san àite-obrach.

A bharrachd air sin bheireadh am bile dìon laghail do luchd-obrach airson giùlan leth-bhreitheach a tha stèidhichte air creideamh.

Tha dùil gun tèid am bile a dheasbad sa Mhàrt 2024.

Dùthaich nan Tàidh

Tha Prìomhaire Dùthaich nan Tàidh, Srettha Thavisin, air ainmeachadh gun tèid bile a dhèanadh pòsadh aon-sheòrsach laghail san dùthaich a dheasbad anns a’ Phàrlamaid an ath mhìos.

Criogaid

Tha an ICC, buidheann-riaghlaidh criogaid an t-saoghail, air tar-bhoireannaich a chaidh tro inbhidheachd mar fhireannaich a thoirmeasg bho fharpaisean nam ban.

Nì iad ath-sgrùdadh air an riaghailt an ceann 2 bhliadhna.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.