Cuairt-litir #45

Cuairt-litir #45

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Plana-gnìomha neo-bhìnearaidh

Tha Riaghaltas na h-Alba air plana 5 bliadhna fhoillseachadh gus beathannan luchd neo-bhìnearaidh a tha a’ fuireach an Alba a leasachadh.

Thuirt Emma Roddick, Ministear airson Co-ionnannachd, gun cuidich am plana beathannan luchd neo-bhìnearaidh a leasachadh agus gun tòir e ionnsaigh air na dùbhlain a tha romhpa nam beathannan làitheil.

Chuir na buidhnean LGDTCEN+ Scottish Trans, Equality Network, LGBT Youth Scotland, Stonewall Scotland, LGBT Health and Wellbing, LEAP Sports agus Time for Inculsive Education fàilte air a’ phlana.

Mhol Stonewall, a’ charthannas LGDTCEN+ as motha san Roinn Eòrpa, Riaghaltas na h-Alba airson a bhith ‘na chiad riaghaltas san t-saoghal gus plana den t-seòrsa seo a chur an gnìomh.

Transgender Day of Remembrace

Bidh Highland Pride a’ comharrachadh Transgender Day of Remembrance le faire aig 6f oidhche Luain taobh a-muigh Cùirt an Easbaig ann an Inbhir Nis.

Bidh Pride in Moray ga chomharrachadh cuideachd le faire aig 6f Oidhche Luain aig Plainstones ann an Eilginn.

An Eaglais Shasannach

Bhòt an Eaglais Shasannach an t-seachdain seo gus na riaghailtean aca atharrachadh gus am faod sagartan pòsaidhean aon-sheòrsach a bheannachadh, ach cha tèid na riaghailtean atharrachadh gus banaisean aon-sheòrsach a cheadachadh anns na h-eaglaisean aca.

Seirbheis Poileis Èirinn a Tuath

Chaidh càineadh a dhèanamh air Poileas Èirinn a Tuath as dèidh gun tàinig e am follais gu bheil iad a’ cleachdadh airgead carthannais gus an lighiche-inntinn, Dr Paul Miller, fhastadh ged a tha e air cleachdaidhean ris an canar “teiripe iompachaidh” a bhrosnachadh roimhe.

Read more