Cuairt-litir #36

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Alba

Tha Poileas Alba air dearbhadh gun tèid aithisg a chur gu Neach-casaid a’ Chrùin an dèidh dhaibh casaid a chur às leth fhireannaich, 59, a dh’èigh “deviant” air Patrick Harvie grunn thursan fhad ‘s a bha Mgr Harvie a’ dèanamh agallamh beò ris a’ BhBC.

Canada

Tha Riaghaltas Chanada air rabhadh a thoirt do Chanadaich 2SLGBTQI+ a bhith faiceallach air laghan is poileasaidhean a dh’fhaodadh buaidh a thoirt orra nam biodh iad a’ siubhal gu cuid de stàitean anns na SA.

Indeed

Tha Indeed air ainmeachadh gun toir iad maoineachadh luach $10,000 do luchd-obrach tar-ghnèitheach nam biodh feum aca gluasad gu stàit eile gus cothrom fhaighinn air cùram-slàinte daingneachadh gnè.

Astràilia

Tha buidheann-riaghlaidh lùth-chleasachd Astràilia air stiùireadh ùr fhoillseachadh a cheadaicheas lùth-chleasaichean tar-ghnèitheach pàirt a ghabhail ann am farpaisean a co-fhreagaireas ris an dearbh-aithne gnè aca.

Tha an stiùireadh ùr cuideachd a’ leigeil leotha seòmraichean-locair agus taighean-beaga a cho-fhreagaireas ris an dearbh-aithne gnè aca a chleachdadh.

Uganda

Tha na Poilis ann an Uganda air fireannach, 20, a chur an grèim fo chasaid “aggravated homosexuality”.

Fo laghan ùra a chaidh a chur an gnìomh san dùthaich na bu tràithe air am bliadhna, dh’fhaodadh binn-bhàis a chur air neach sam bith a thèid a dhìteadh airson “aggravated homosexuality”.

Fo na laghan ùra, dh’fhaodadh casaid “aggravated homosexuality” a chur air neach: nan rachadh an dìteadh grunn thursan airson a bhith ri feise cho-sheòrsach; nan sgaoileadh iad galaran gabhaltach feiseil; no nam biodh iad ri feise cho-sheòrsach le mion-aoisich, sean dhaoine, no daoine le ciorraim.

Tha Reuters ag aithris gu bheil iad air an siota-casaid fhaicinn, gun robh am fireannach ri feise le fireannach eile, 41, ach chan eil fios aca carson a chaidh am fireannach a chur an grèim fo chasaid “aggravated homosexuality”.

Nigeria

Tha na Poilis ann an Nigeria air 67 neach a chur an grèim airson banais cho-sheòrsach a fhrithealadh.

Chaidh pòsaidhean is aonaidhean-catharra co-sheòrsach a thoirmeasg san dùthaich ann an 2014 agus fon lagh dh’fhaodadh binn-phrìosain 14 bliadhna a chur air co-sheòrsaich, no 10 bliadhna air luchd-comainn.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.