Cuairt-litir #35

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Patrick Harvie

Tha Poileas Alba air dearbhadh gu bheil iad a’ rannsachadh tachartais anns an deach beachdan homafòbach a dh’èigh air Patrick Harvie rè agallamh beò leis a’ BhBC.

Pròis Mhoireibh

Cuimhnichibh gun tèid Pròis Mhoireibh a’ cumail Disathairne 2na den Lùnastal aig Pàirc nan Granndach ann am Farrais.

Faodar tiocaidean a cheannach an-seo no barrachd fhiosrachaidh mun tachartas fhaighinn air an làrach-lìn Pride in Moray.

A’ Ghearmailt

Tha Caibineat Feadarail na Gearmailte air reachdas a dhèanadh e nas fhasa do luchd tar-ghnèitheach, neo-bhìnearaidh agus eadar-sheòrsach an gnè aca atharrachadh ainmeachadh.

Feumaidh pàrlamaid bhòtadh air fhathast, ach leigeadh an reachdas ùr inbheach a’ chiad ainm agus an gnè aca atharrachadh aig oifis chlàraidh às aonais pàipearachd sam bith a bharrachd.

Bhiodh mion-aoisich nas sìne na 14 comasach air iarrtasan a chur a-steach nam biodh iad air cead fhaighinn bho na pàrantan aca no bho chùirt.

Cuideachd, bhiodh pàrantan chloinne a tha nas òige na 14 comasach air tagraidhean a chur a-steach às an leth.

Thuirt am buidheann-iomairt TGEU (Transgender Europe) gu bheil grunn phuingean san lagh fhathast a tha a’ cur dragh orra is iad air liosta de dh’atharrachaidhean fhoillseachadh air an làrach-lìn aca.

Am measg nam molaidhean aca, tha iad airson:

  • cur às dhan riatanas airson ùine feitheimh 3 mìos as dèidh do thagraichean iarrtasan a chur a-steach;
  • cur às dhan riatanas a bhiodh air cloinne nas sìne na 14 air cead fhaighinn bho na pàrantan aca;
  • cur às dhan riatanas airson ùine feitheimh co-dhiù 1 bhliadhna mus ghabhadh atharrachadh a bharrachd a dhèanamh;
  • agus cur às dhan chlàs a bhiodh a’ leigeil le oifigich iarrtasan bho fhògarraich a dhiùltadh.

A bharrachd air sin, tha an reachdas ag ràdh:

  • nach fhaod fireannaich an gnè aca atharrachadh gus seirbheis san arm a sheachnadh;
  • gum biodh saunathan bhoireannach comasach air tar-bhoireannaich a dhiùltadh;
  • agus gum biodh tar-fhireannaich fhathast air an cunntadh mar bhoireannaich gus cuòtathan cosnaidh boireannaich a choileanadh.

Ionnsaigh ann an Leabanon

Thug am buidheann fada deas Crìosdaidheachd, Jnoud El-Rab (Saighdearan Dhè), ionnsaigh air taisbeanadh draga anns an taigh-seinnse Madame Om ann an sgìre Mar Mikhael de Bheirut Diciadain.

Thathar ag aithris gun deach ionnsaigh a thoirt air grunn phearsachan rè an tachartais a mhair mu uair a thìde mus do ruig na poilis.

Thuirt sealbhadair a’ bhàr do dh’Amnesty International ge-tà nach do chur na Poilis stad air an ionnsaigh agus nach deach na h-ionnsaighearan a chur an grèim.

Geama-bùird toirmisgte ann an Leabanon

Tha Abbas Al-Halabi, Ministear Foghlaim Leabanon, air a’ gheama Snakes and Ladders a thoirmeasg air sgàth ‘s gu bheil e a’ cleachdadh dàthan na brataich pròise.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.