Cuairt-litir #33

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

California

Chaidh neach-bùtha fhaighinn marbh aig a’ bhùth aice, Mag Pi, ann an Cedar Glen, California Dihaoine.

Thathar ag aithris gun deach Laura Ann Carleton, 66, a losgadh an dèidh argamaid mu bhratach pròise taobh a-muigh a’ bhùth aice.

Theich an neach-amharais, ach chaidh a mharbhadh leis a’ Phoileas as dèidh dhaibh a lorg le gunna faisg air an làrach.

Lurgan

Tha na Poilis ann an Èirinn a Tuath air ràdh gu bheil iad a’ rannsachadh graffiti a tha air nochdadh ann an Lurgan mar eucoir-gràin.

Thathar ag aithris gu bheil an graffiti, a leughas “No Irish, No Gay”, air a bhith a’ nochdadh ann an diofar àiteachan sa bhaile bho chionn 2021, agus gun deach bratach leis an aon shluagh-ghairm a chrocadh bho dhrochaid faisg air a’ bhaile air am M1 ann an 2018.

Chaidh an graffiti a dhìteadh leis a’ Chomhairliche ionadail Peter Lavery, a sgrìobh air X (Twitter) gur e baile fàilteach in-ghabhalach a th’ ann an Lurgan agus gu bheil e air iarraidh gun tèid an graffiti a ghlanadh cho luath ‘s a ghabhas.

Dèarsaidh

Chaidh binn phrìosain còrr ‘s aon bhliadhna a chur air fireannach as dèidh dha fireannach eile a bhualadh agus a bhagairt le isneach AK-47 agus bèigneid.

Thug Marcin Skalimowski, 41, ionnsaigh air an fhireannach neo-ainmichte 20mh den Mhàrt aig Bàr-fiona Naomh Sheumais ann an St. Helier o chionn ‘s gun robh e dhen bheachd gun robh am fireannach gèidh.

Chaidh Skalimowski a thilgeil a-mach às a’ bhar as dèidh dha am fireannach a bhualadh, ach thill e an dèidh 10 mionaid leis an airm.

Chur am Bàillidh Sir Timothy Le Cocq binn phrìosain bliadhna air o chionn ‘s gun robh arm aige agus binn cho-ruitheach trì mìos airson an ionnsaigh fhèin. Cuideachd fhuair e binn phrìosain trì mìos a bharrachd airson binn roimhe a bhriseadh.

Tàileasg

Tha Caidreachas Tàileasg Shasainn, Caidreachas Tàileasg na Fionnlainn Caidreachas Tàileasg na Gearmailte agus Caidreachas Tàileasg nan Stàitean Aonaichte uile air ràdh nach cuir iad casg air tar-bhoireannaich bho fharpaisean nam ban a dh’aindeoin poileasaidh ùr Caidreachas Eadar-nàiseanta na Tàileisg a tha ag iarraidh air tar-bhoireannaich farpais ann an roinn fhosgailte còmhla ris na fireannaich.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.