Cuairt-litir #32

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Cùis-lagha aithneachadh gnè

Tha na carthannasan LGDTC+ Stonewall agus Scottish Trans agus an Institiud airson Rannsachadh Bun-reachdail agus Deamocratach air cead fhaighinn fianais sgrìobhte a chur a-steach dhan chùirt a bhios ag èisteachd ris a’ chùis-lagha an-aghaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba) a bhacadh.

Dùn nan Gall

Tha Tionscadal Oidhreachta LGBTQ+ Dhùn nan nGall air làrach-lìn ùr a chur air bhog gus eachdraidh LGDTC+ na sgìre a shoillseachadh mar phàirt de Seachtain Náisiúnta na Oidhreachta.

Thuirt stiùirichean a’ phròiseact gum bu chòir do neach sam bith aig a bheil sgeulachd no rudeigin eile a dh’fhaodadh a bhith freagarrach airson a chur ris an cruinneachadh aca fios a chur thuca aig donegalllgbtqheritage@gmail.com no air an làrach-lìn aca.

Na Stàitean Aonaichte

Tha suirbhidh ùr a rinn am buidheann-rannsachaidh Community Marketing & Insights an com-pàirteachas leis an Human Rights Campaign air lorg gu bheil faisg air 80 sa cheud de luchd LGDTC+ sna Stàitean Aonaichte a’ faireachdainn neo-shàbhailte an-dràsta.

Thuirt 94 sa cheud de luchd tar-ghnèitheach ‘s neo-bhìnearaidh gu bheil iadsan a’ faireachdainn neo-shàbhailte mar thoradh air sreath de chasgan air cùram-slàinte daingneachadh gnè bho chionn ghoirid.

Thuirt 43% den fheadhainn a ghabh pàirt san suirbhidh gu bheil na casgan seo air droch-bhuaidh a thoirt air an slàinte-inntinn aca.

Thuirt 53% gum biodh iad deònach gluasad gu stàit eile airson cùram-slàinte daingneachadh gnè fhaighinn agus thuirt 45% gum biodh iad fiù ‘s deònach gluasad gu dùthaich eile.

Atlanta

Bhòt bòrd-sgoile ann an an Atlanta, Georgia 4-3 Diardaoin gus neach-teagaisg a chur às a dreuchd as dèidh dhi an leabhar My Shadow is Purple a leughadh ris an oileanaich ìre 5 aice.

Thathar ag aithris gun deach Katie Rinderle a thoirt às an seòmar-teagaisg aice anns a’ Mhàrt as dèidh dhan sgoil gearan fhaighinn bho phàrant oileanaich gun do leugh Rinderle leabhar mu charactar neo-bhìnearaidh.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.