Cuairt-litir #22
Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Poileasaidh Aithneachadh Gnè nan Làbarach
Tha Rùnaire Dùbhlanach airson Boireannaich agus Co-ionnannachd air planaichean a’ Phàrtaidh Làbarach airson Achd Aithneachadh Gnè ath-leasachadh a cho-roinneadh.
Sgrìobh Annelises Dodds sa phàipear-naidheachd The Guardian gu bheil a’ pròiseas a dh’fheumas luchd tar-ghnèitheach leantainn gus an gnè aca atharrachadh “sàithteach, seann-fhasanta agus tàmailteach” agus gu bheil iad airson a chur às dhan bhiurocrasaidh agus a dhèanamh nas sìmplidhe.
Dhearbh i ge-tà nach ceadaich iad fèin-aithneachadh agus gum biodh riatanas ann fhathast airson fianais-leigheis, ach an àite Pannal Aithneachadh Gnè, biodh breithneachadh-leigheis bho aon dhoctair “gu leòr”.
Tha seo a’ dol an-aghaidh poileasaidh Pàrtaidh Làbarach na h-Alba a tha airson cur às dhan fheum airson fianais-leigheis agus fèin-aithneachadh a cheadachadh.
Binn phrìosain ‘son ionnsaigh air fireannaich gèidh
Chaidh binn phrìosain a chur air reiceadair thaighinn as dèidh dha ionnsaigh a thoirt air dithis fhireannach gèidh ann am Birmingham.
Thug Usman Murtza ionnsaigh air John-Paul Kesseler agus Anthony Smith sa Dhàmhair 2021 nuair a chunnaic e gun robh iad a’ cumail grèim air làmhan a chèile.
Bhuail e Kessler le botal - ga fhàgail le gearradh os cionn a shùil - agus bhuail e an dithis fhireannach mun gàirdeanan le pìob mheatailteach.
Theich e sa chàr aige nuair a rach buill den phoball an-sàs.
Chuala a’ chùirt gun d’fhàg an ionnsaigh Smith mì-chomhfhurtail a’ cumail grèim air làmh a chèile gu poblach tuilleadh agus gun do thòisich Kessler a’ gabhail barrachd alcol.
Thuirt Murtza gu bheil e air a thàmailteachadh leis na rinn e agus gu bheil e air leth duilich.
Chaidh binn phrìosain 16 mìos a chur air leis gun robh an ionnsaigh air adhbharachadh le gràin co-sheòrsachd.
Èirinn
Chaidh fireannach, 24, a chur an grèim ann an Dùn Dealgan Dihaoine fo chasaid gun robh e a’ cleachdadh an aplacaid Grindr gus fireannaich gèidh a thargaid agus robaigeadh.
Nochd Michael Quinn ann an Cùirt-sgìre Bhaile Àtha Cliath Disathairne fo dà chasaid robaireachd agus aon chasaid gun d’rinn e oidhirp air robaireachd.
Chaidh a chumail an grèim gus an nochd e aig Cùirt-sgìre Dhùn Dealgan Diciadain.
An Ruis
Tha Ceann-suidhe na Ruise, Vladimir Putin, air bile a shoidhnigeadh ‘na lagh a chuireas às dhan chòir a bh’ aig luchd tar-ghnèitheach air cùram-slàinte gnè, pòsadh agus uchd-mhacachadh.
Fon lagh ùr tha obair-lannsa daingneachadh gnè agus cùram-slàinte gnè eile a-leithid teiripe ionadachadh bhrodagan toirmeasgte.
Tha an lagh cuideachd a’ cur casg air luchd tar-ghnèitheach bho bhith ag uchd-mhacachadh cloinne agus a’ cur às do phòsaidhean ma tha gin de na cèilean tar-ghnèitheach.
Tha e cuideachd mì-laghail a-nis gnè neach atharrachadh air sgrìobhainnean oifigeil a-leithid ceadan-siubhail - bha seo air a bhith laghail san Ruis o chionn 1998.