Cùirt Uachdarach nan SA air leth-bhreith an-aghaidh luchd LGDTC+ a cheadachadh

, , , , ,

Riaghail Cùirt Uachdarach nan Stàitean Aonaichte Dihaoine gum faod dealbhaiche-lìn ann an Denver, Colorado leth-bhreith a dhèanamh air càraidean LGDTC+.

Bidh Lorie Smith a’ dealbhachadh làraichean-lìn do chàraidean a tha a’ pòsadh, ach thuirt i ris a’ chùirt gu bheil i na Crìosdaidheachd agus mar sin chan eil i airson làraichean-lìn a dhealbhachadh do chàraidean LGDTC+.

Tha leth-bhreith air sgàth cinnidh, taobhadh feise agus dearbh-aithnean eile mì-laghail san stàit fo Achd an-aghaidh Leth-bhreith Cholorado (CADA).

Thagair Smith ge-tà gu bheil na làraichean-lìn aice ealanta agus gnàthaichte, gu bheil saorsa labhairt is creideimh aice fon a’ Chiad Atharrachadh agus mar sin tha còir aice gun a bhith a’ cumail ri CADA.

Riaghail na britheamhan 6-3 na fàbhar.

Aon fhreagairt ri “Cùirt Uachdarach nan SA air leth-bhreith an-aghaidh luchd LGDTC+ a cheadachadh”

  1. […] iad air ràdh a-nis ge-tà gu bheil iad airson tilleadh dhan Chùirt Uachdarach, as dèidh gun do riaghail a’ chùirt seachdain seo chaidh gum faodadh dealbhaiche-lìn ann an Colorado luchd-ceannaich LGDTC+ a dhiùltadh air sgàth ’s […]

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach