Cuairt-litir #14

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Seann-ghaisgich

Tha seann-ghaisgich LGDTC+ air iarraidh air a’ Phrìomhaire a-rithist leisgeul oifigeil a dhèanamh airson a’ chron a chaidh a dhèanamh orra mar thoradh air a’ chasg a bh’ air pearsachan gèidh sna feachdan armaichte ro 2000.

Fon seann lagh, bhiodh pearsachan LGDTC+ air an leigeil mu sgaoil gun urram is gun pheinnsean. Chaidh ionnsaighean agus ionnsaighean drabasta a thoirt air cuid agus chaidh dubh-mhàl a dhèanamh air cuid eile.

Thathar a’ creidsinn gun tug an casg buaidh air mu 5,000 neach.

Suirbhidh Lìonra Tidsearan LGDTC+ na h-Alba

Fhuair suirbhidh de thidsearan LGDTC+ ann an Alba gu bheil 43 sa cheud air oillt co-sheòrsach no oillt tar-ghnèitheach a fhulang aig an sgoil agus thuirt 5 sa cheud gu bheil iad air fòirneart no giùlan bagairteach a fhulang.

Fhuair an t-suirbhidh cuideachd nach eil 58 sa cheud air tighinn a-mach do sgoilearan, ach gu bheil 55 sa cheud air tighinn a-mach do luchd-obrach eile.

Thuirt John Naples Campbell, bho Lìonra Tidsearan LGDTC+ na h-Alba a chur an t-suirbhidh air dòigh, gu bheil na tòraidhean cudromach o chionn ’s gu bheil iad a’ sealltainn gu bheil e fhathast air leth dùbhlanach do luchd-teagaisg cuèir 22 bliadhna as dèidh gun deach Earrann 28 a thilgeil a-mach.

Bile Andrew Bridgen air a dhiùltadh

Bhòt buill-phàrlamaid Dimàirt an-aghaidh bile Andrew Bridgen a bhiodh a’ toirt air sgoiltean innse do phàrantan mu chlann tar-ghnèitheach agus a’ toirmeasg eadar-ghluasadan sòisealta aig an sgoil.

Waterloo

Chaidh ollamh agus dithis sgoilear a shàth rè clas mu chùisean ghnè aig Oilthigh Waterloo ann an Canada Diciadain.

Thathar ag aithris gun deach an toirt gu ospadal le droch leòntan ach chan eil iad ann an cunnart am beathannan a chall.

Thuirt na Poilis gun deach fireannach a chur an grèim agus gu bheil iad fhathast a’ rannsachadh na thachair.

Arizona

Shoidhnig Riaghladair Arizona, Katie Hobbs, dà àrd-òrdugh Dimàirt a dhìonas luchd LGDTC+ san stàit.

Cuiridh a’ chiad lagh casg air buidhnean stàite bho bhith a’ brosnachadh no a’ toirt maoineachaidh do theiripe iompachaidh agus fon lagh eile bidh luchd-obrach na stàite comasach air an àrachas-slàinte aca a chleachdadh airson cùram-slàinte daingneachadh gnè.

Kansas

Thèid lagh a chur an gnìomh ann a Kansas Disathairne a chuireas casg air luchd tar-ghnèitheach bho bhith ag atharrachadh na gnè laghail aca.

Tha an lagh cuideachd a’ ciallachadh gun tèid teisteanasan breith agus ceadan dràibhidh luchd tar-ghnèitheach atharrachadh air ais gus an gnè a chaidh a bhuileachadh orra nuair a rugadh iad a shealltainn.

A bharrachd air sin, tha an lagh ùr a’ toirt air luchd tar-ghnèitheach taighean-beaga agus àiteachan aon-ghnèitheach eile a co-fhreagras ris a’ ghnè a chaidh a bhuileachadh orra nuair a rugadh iad a chleachdadh.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.