Thèid gnè bith-eòlasach a shònrachadh do phearsachan neo-bhìnearaidh ann an Cunntas-sluaigh na h-Èireann

Tha Príomh-Oifig Staidrimh na hÉireann (CSO) air dearbhadh gun tèid gnè bith-eòlasach a shònrachadh do phearsachan neo-bhìnearaidh ann an Cunntas-sluaigh na h-Èireann am bliadhna.

A-rèir reachdas an Aonaidh Eòrpach feumaidh an cunntas-sluaigh faighneachd mun gnè bith-eòlasach a th’ aig neach agus feumaidh an taghadh a bhith eadar boireannach no fireannach.

Cha bhi cunntas-sluaigh na bliadhna seo a’ faighneachd mun dearbh-aithne gnè a th’ aig neach ach tha an CSO air ràdh gu bheil iad an dùil seo a chur ris an ath-thuras.

Tha stiùireadh oifigeil air an làrach-lìn aca a’ moladh gun cur neach tiog anns na dhà bhogsa mura h-eil iad airson aithneachadh mar bhoireannach no fireannach ach tha e cuideachd ag ràdh gun tèid gnè bith-eòlasach a shònrachadh dhaibh gu thuaireamach airson adhbharan staitistigeil.

Thèid Cunntas-sluaigh na h-Èireann a chumail air 3mh latha dhen Ghiblean.

Read more