Riaghail Comhairle Dhìomhair na Rìoghachd Aonaichte Diluain gu bheil na bacaidhean a th’ air pòsadh aon-sheòrsach ann am Bermuda agus na h-Eileanan Cayman laghail.

Ann am Bermuda bhòt na britheamhan 4:1 airson ath-thagradh a rinn Àrd-neach-tagraidh na dùthcha as dèidh gun do riaghail Cùirt nan Ath-thagraidhean agus an Cùirt Uachdarach gun robh earrann 53 dhen Domestic Partnership Act (DPA) 2018, a tha ag ràdh gur e aonadh eadar fireannach is boireannach a th’ ann am pòsadh, mì-dhligheach.

Anns na h-Eileanan Cayman bhot na britheamhan gu lèir an aghaidh càraid leasbach a tha air a bhith a’ sireadh cead-pòsaidh bho chionn 2018. Bhuannaich iad cùis-lagha aig Àrd-chùirt na dùthcha ann an 2019 ach cho-dhùin Cùirt nan Ath-thagraidhean an uair sin nach robh pòsadh aon-sheòrsach ceadaichte a-rèir bun-reachd na dùthcha.