Cùisean HIV air àrdachadh le 48% anns na Stàitean Aonaichte

Chaidh aithisg fhoillseachadh leis an Ionad airson Smachd a chumail air Tinneasan (an CDC) a tha a’ sealltainn gu bheil cùisean HIV air àrdachadh le 48% anns na Stàitean Aonaichte eadar 2005-2006.

Tha na figearan a’ sealltainn gun robh 35,537 cùisean HIV ann an 2005 ach bha seo air àrdachadh gu 52,878 cùisean ann an 2006.

Chuir an CDC luach de $600,000 (£302,000) air leigheas HIV fad beatha aon duine a’ ciallachadh gum feum iad $36 billean a chosg air leigheasan fad beathannan nan daoine seo.

“‘S e mòr chreach a th’ ann,” arsa Michael Weinstein, Ceann-suidhe Stèidheachd Cùram-slàinte AIDS.

“Dh’iarr sinn air a’ ChDC na figearan seo a chur thugainn san t-Samhain gus am biodh an Riaghaltas comasach air seo a thoirt a-steach ris a’ bhuidsead ùr ach thuirt iad nach robh iad deiseil.”

“A-nis tha na figearan seo agus seasamh a’ ChDC a’ sealltainn nach biodh na Stàitean Aonaichte comasach air an galar sgaoilte seo fhreagairt.”

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.