Cardiff an dùil ri fèis-pròise a chumail am bliadhna

, , ,

Thèid coinneamh a chumail an seachdain seo gus deasbad a dhèanamh air fèis-pròise a chumail ann an Cardiff.

Thathar an dòchas gum bi an fhèis seo a’ tachairt an àite Mardi Gras a chaidh a chur dheth am-bliadhna air sgàth ’s trioblaidean ionmhais

Bidh fàilte mhòr air taighean-seinnse, clubaichean, gnìomhaichean LGDTC, buidhnean LGDTC agus a’ choimhearsnachd LGDTC san fharsaingeachd a tha airson tighinn ris a’ choinneamh ann an Talla a’ Bhaile Diciadain 9mh den Ghiblean 7.30f.

Thèid barrachd fiosrachadh mu dheidhinn an fhèis fhoillseachadh air an làrach-lìn http://www.pridecardiff.org/ a dh’aithghearr.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach