Co-dhùnadh uchd-mhacachaidh mar eisimpleir ann an Iosrael
Tha cùirt ann an Iosrael air co-dhùnadh a dhèanamh gun urrainn do càraid co-sheòrsach a chlàradh mar athraichean an uchd-mhac.
Thathar an dòchas gum bi a’ cho-dhùnadh seo mar eisimpleir anns an dùthaich.
Tha Giora Shavit agus Avi Shadiv air chlàradh le chèile gus am balach a tha còig bliadhna a dh’aois uchd-mhacachadh. ‘S ann à Georgia a tha am balach agus chan eil pàrantan bith-eòlasach clàraichte aige.
A rèir laghan oifigeil ann an Iosrael, chan eil ach aon dhe na daoine ceadaichte a bhith a’ clàradh mar athair a’ bhalach ach tha an càraid air a bhith a’ sabaid an aghaidh nan laghan seo o chionn bliadhna.
Thuirt Mgr Shavit:
“Bha mi airson a bhith na athair dha anns a h-uile dòigh.”
“Bha e uabhasach cudromach dhuinn teaghlach stèidheachadh agus siostam cùram a chur ri chèile airson am mac.”
Bha an càraid air riochdachadh le Neach-tagraidh Còirichean Co-sheòrsach Ira Hadar.
Tha Hadar gu math ainmeil ann an Iosrael airson dùbhlan a thoirt air an Àrd-chùirt airson càraid leasbach a bha airson leanabhan uchd-mhacachadh ri chèile.
Thuirt e:
“An-diugh, tha sinn a’ faicinn an comann-sòisealta a’ gabhail ri teaghlaichean neo-àbhaisteach agus tha e a’ dearbhadh gu bheil còirichean aig a h-uile daoine a bhith a’ togail cloinne taobh a-staigh an dòigh-beatha aca.”
“Thathar an dòchas gum bi barrachd càirdean co-sheòrsach a’ clàradh gus clann uchd-mhacachadh.”