Muinntir Chalifornia gu bhith a’ bhòtadh air Proposition 8 an-diugh

04 An t-Samhain 2008

A bharrachd air taghadh Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, bidh muinntir Chalifornia a’ bhòtadh an-diugh air Proposition 8 an-diugh a tha a’ feuchainn ri casg a chur air pòsadh aon-sheòrsach le bhith ag atharrachadh bun-reachd Chalifornia le earrann ùr ag ràdh gur ann eadar fear agus boireannach a-mhàin a th’ ann am pòsadh.

Cumaibh sùil air Geidh.uk airson na naidheachdan as ùire air an sgeulachd seo…

• • •

Bhiocair air ràdh gum bu chòir rabhadh slàinte a bhith stampadh air daoine LCDT

08 An Dàmhair 2008

Tha bhiocair anns An Eaglais Shasannach air ràdh air a’ bhlòg aige gum bu chòir rabhadh slàinte a bhith air stampadh air daoine LCDT.

Sgrìobh an t-Urr. Peter Mullen:

“Bu chòir do dhleastanas a bhith aig daoine co-sheòrsach tatù fhaighinn air an tònan ag ràdh SODOMY CAN SERIOUSLY DAMAGE YOUR HEALTH agus tatù eile air an smigean ag ràdh FELLATIO KILLS.

Tha na blògaichean air a bhith a’ sguabadh às a-nis.

“Ged a tha sinn dhen bheachd gum bu chòir do shaorsa labhairt a bhith aig clèir, tha fios againn gu bheil seo oilbheumach agus chan e seo idir idir beachd a th’ aig Sgìre-easbaig Lunnainn,” arsa neach-labhairt an Eaglais.

• • •

Oileanaich an sas ann an iomairt airson còirichean daonna

08 An Dàmhair 2008

Bidh an iomairt NUS LGBT agus Gay Rights Uganda a’ togail fianais an-aghaidh Riaghaltas Uganda nach eil a’ cur stad air geur-leanmhainn agus cràdh an daoine LCDT san dùthaich.

Anns na seachdainean mu dheireadh tha Riaghaltas Uganda air gealladh gus laghan nas cruaidhe a chur air chois an-aghaidh daoine LCDT air sgàth ’s gu bheil an tinneas “co-sheòrsachd” air sgaoileadh air feadh Afraga.

Bidh iad cuideachd a’ togail fianais an-aghaidh Riaghaltas Bhreatainn agus an dòigh sa bhios i a’ làimhseachadh daoine LCDT a tha air tighinn do Bhreatainn airson tèarmann.

Bidh iad a’ cruthachadh aig Taigh Uganda, Ceàrnag Trafalgar 12f a-màireach, Latha Saorsa Uganda.

• • •

Gnìomhaichean dòchasach gum faigh iad cead airson caismeachd pròise a chumail san Ruis

08 An Dàmhair 2008

Tha gnìomhaichean Nicolas Alexeyev agus Anna Komarova ann an Tambov, an Ruis, an dùil tagradh a chur a-steach gus caismeachd pròise a chumail sa bhaile.

Tha gnìomhaichean LCDT sa bhaile air cead fhaighinn mar thà gus fianais a thogail an-aghaidh Riaghladair Oleg Betin an dèidh dha ràdh ann an agallamh, “Tolerance?! To hell! Faggots should be torn apart. And their pieces should be thrown in the wind.

‘S e seo a’ chiad turas a riamh gu bheil tachartas LCDT air cead fhaighinn san Ruis.

Tha iad airson a’ chaismeachd a chumail 18mh Dàmhair ’08 ach tha Mosgo air bacadh a chur air caismeachdan mar thà ann an 2006, 2007 agus 2008.

Tha ùghdarrasan beachdachadh an tagraidh.

• • •

Proposition 8 a’ caill taic ann an California

04 An Dàmhair 2008

Tha cunntas-bheachd ùr a’ sealltainn gu bheil Proposition 8 a’ caill taic ann an California.

Bha briathrachas an tagraidh air a dheasachadh san t-Iuchar

Mus deach a dheasachadh thuirt an tagradh gun tèid Bun-reachd Chalifornia atharrachadh gus nach biodh ach pòsaidhean eadar fireannach agus boireannach dligheach no aithnichte ann an California ach tha e ag ràdh a-nis gum tèid Bun-reachd Chalifornia atharrachadh gus cur às dhan còir aig càraidean aon-sheòrsach a phòsadh.

Mus deach a dheasachadh bhòt 42% de dhaoine ann an cunntas-bheachd gum biodh iad a’ bhòtadh airson Proposition 8 agus bhòt 51% na aghaidh.

Ach tha an cunntas-bheachd ùr a’ sealltainn gun do bhòt 38% air a shon agus 55% na aghaidh.

Thèid Proposition 8 air beulaibh luchd-bhòtaidh ann an California an ath-mhìos.

• • •

Mormonaich mì-shoilleir a-thaobh pòsadh aon-sheòrsach

04 An Dàmhair 2008

Tha an Eaglais Mhormonach air bileag fhoillseachadh mu phòsadh aon-sheòrsach.

Tha am bileag, The Divine Institution of Marriage, a’ tighinn as dèidh dhan Eaglais aithris fhoillseachadh anns an tug iad taic ri Proposition 8, a bhios a’ cur casg air pòsadh aon-sheòrsach ann an California.

Ach ged a tha na Mormonaich a’ bruidhinn a-mach an-aghaidh pòsadh aon-sheòrsach anns a’ bhileag seo, tha iad ag ràdh nach eil iad an aghaidh còirichean eile do dhaoine LCDT:

“Chan eil an eaglais an aghaidh còirichean (a tha stèidhichte ann an California mar thà) a leithid cùram slàinte, taigheadas, obair agus oighreachd.”

Tha Affirmation, buidhean de Mhormonaich LCDT, air am bileag a chàineadh agus a mholadh aig an aon àm.

Thuirt David Melson, neach-labhairt Affirmation:

“Is e seo an aithris as daingniche a thaobh còirichean daonna agus sìobhalta bhon eaglais bho chaidh God Loveth His Children a chur a-mach a dh’aithnich nach e tinneas no peacadh a th’ ann an co-sheòrsachd.”

“Tha sinn a’ moladh misneachd nan ceannardan a thagh an aithris seo a dhèanamh an agaidh na tha an eaglais air a ràdh agus a dhèanamh roimhe agus tha sinn a’ faicinn seo mar cheum deimhinneach.”

“Bhitheamaid nas toilichte mura robh am bileag air fhoillseachadh aig àm nuair nach robh an Eaglais a’ feuchainn ri còirichean catharra daoine LCDT a thoirt air falbh agus teaghlaichean briseadh bho chèile.”

• • •

Bile LCDT air gluasad air adhart ann an Astràilia

02 An Dàmhair 2008

Chaidh bile ùr a bhios a’ toirt co-ionannachd do dhaoine LCDT ann an Astràilia aontachadh leis a’ Phàrlamaid.

A-nis feumaidh an Same-Sex Entitlements Bill dol air beulaibh an t-Seanadh.

Bidh am bile an dùil leth-bhreith a chur às ann an àiteachan a leithid in-imrich, cìsean, peinnseanan agus cùram do dhaoine aosta.

• • •

Google an aghaidh a’ chaisg air pòsadh aon-sheòrsach

02 An Dàmhair 2008

Tha Google air ràdh gu bheil iad an aghaidh a’ chaisg air pòsadh aon-sheòrsach ann an California.

Thuirt Sergey Brin, Co-stéidheadair Google, ann am blog gu bheil an companaidh dhen bheachd gur e cùis co-ionannachd a th’ ann.

Chan eil e soilleir fhathast ma bhios Google a’ toirt cuideachaidh dhan iomairt an-aghaidh Proposition 8.

Anns na seachdainean mu dheireadh tha rionnagan a leithid Brad Pitt agus Steven Speilberg air airgead a thoirt dhan iomairt.

Anns a’ Chèitean 2008 thog an Àrd-chùirt Chalifornia an casg a bh’ air pòsadh aon-sheòrsach anns an stàit ach tha Proposition 8 airson ga chur an àite a-rithist.

“Tha sinn an dùil gum bi luchd-bhòtaidh ann an California a’ bhòtadh an aghaidh Proposition 8”, sgrìobh Mgr Brin.

“Ged a tha meas mòr againn air beachdan na daoine air gach taobh an deasbad seo, tha sinn dhen bheachd gur e cùis co-ionannachd a th’ ann.”

• • •

Coimisiún na hÉireann um Chearta an Duine agus Comhionannas airson còirichean tar-ghnèitheach leasachadh

02 An Dàmhair 2008

Tha Coimisiún na hÉireann um Chearta an Duine agus Comhionannas (Coimisean Èireannach airson Còirichean Daonna agus Co-ionannachd) air ràdh gum bu chòir do laghan a thaobh daoine tar-ghnèitheach agus teisteanasan-breith a bhith air an ath-leasachadh.

Ann an 2008, thug an tOireachtas (Pàrlamaid na h-Éirinn) cead ri daoine tar-ghnèitheach gus an gnè aca atharrachadh air an ceadan-siubhail aca. Ach fo laghan an latha chan fhaod iad an gnè aca atharrachadh air an teisteanasan-breith aca.

A bharrachd air seo chan fhaod daoine tar-ghnèitheach pòsadh nuair a tha iad air an gnè aca atharrachadh.

Thuirt an Irish Times gu bheil an coimisean airson buidheann chruthachadh le buill a’ choimisean, buill an Ùghdarras Co-ionannachd agus daoine tar-ghnèitheach fhèin gus sùil air còirichean tar-ghnèitheach anns an dùthaich.

Thuirt Dr Maurice Manning, Ceann-suidhe a’ choimisean, gu bheil eisimpleir An Rìoghachd Aonaichte air buaidh mhòr a thoirt orra.

• • •

Del Martin air bàsachadh

28 An t-Sultain 2008

Chaochail Del Martin, gnìomhaiche leasbach air leth cudromach, aois 87, ann an San Francisco aig dheireadh an Lùnastal.

‘S ann anns na 1950an a thoisich i ag obair airson co-ionannachd LCDT.

B’e The Daughters of Bilitis am buidheann a chuir Del Martin air chois ann an 1955, agus bha i na ball bòrd-stiùiridh NOW (Buidheann Nàiseanta Bhan / National Organization of Women) anns na 70an far an do thog i cuspairean leasbach.

‘S ann anns an t-Òg-mhios 2008 an San Francisco a phòs i a cèile, Phyllis Lyon, gu laghail air bheulaibh Mayor Gavin Newsome. Bha Del agus Phyllis còmhla ri chèile fad 55 bliadhna.

Rinn an Àrd-chùirt Chalifornia pòsadh aon-sheòrsach laghail air an 15mh den Cèitean 2008 agus dh’atharraich an lagh fhèin 30 làithean as dèidh sin.

Phòs mìltean de dhuine LCDT an sin, agus bu mhath leinn taing mhòr a thoirt do Dhel Martin.

• • •

Ceannard LCDT ga mhurt ann am Baghdad

26 An t-Sultain 2008

Chaidh ceannard LCDT a mhurt ann am Baghdad, Ioràc an-dè.

Tha an gnìomhaiche LCDT, Peter Tatchell, ag aithris gun deach Bashar, 27, a spreidheadh le peilearan nuair a bhrìs milisi a-steach dhan bhùth-borbair far an robh e.

Bha Bashar na oileanach a chur taighean sàbhailte air dòigh dha dhaoine LCDT ann am Baghdad a tha air an sealg agus am marbhadh le milisidhean.

Thuirt Mgr Tatchell gur e “daoine òg coibhneil, fialaidh agus gaisgeil a bh’ ann – fìor ghaisgeach a chuir a bheatha air an loidhne gus beatha dhaoine eile a shàbhaladh”.

Tha aithris a chaidh a dh’fhoillseachadh ann an 2007 leis an UN a’ cur cudrom air ionnsaighean far am bi milisidhean, fo smachd clèirich, a’ toirt daoine LCDT gu cùirt agus an uair sin gan cur gu bàs.

Ged nach eil co-sheòrsachd mì-laghail ann an Ioràc, tha tòrr laghan ann airson bacadh a chur air daoine LCDT a leithid laghan an aghaidh màirnealachd, mì-chuibheasachd, agus sgaoileadh de thinneasan.

• • •

Carthannas AIDS airson clann ionnsachadh mu dheidhinn feise co-sheòrsach sna sgoiltean

25 An t-Iuchar 2008

Tha an àireamh de bhalaich HIV+ air dùblachadh san 10 bliadhna mu dheireadh a-rèir figearan air fhoillseachadh le Buidheann Dìon na Slàinte.

An-uiridh dh’ionnsaich 251 balaich gun robh HIV orra an taca ri 128 ann an 1998.

San Rìoghachd Aonaichte tha HIV air aon bhalach anns gach fichead agus ann an Lunnainn tha i air aon anns gach deich.

Air sgàth ’s na figearan seo tha an t-Urras Nàiseanta AIDS a-nis ag ràdh gum bu chòir do chlann ionnsachadh mu feise agus càirdeis co-sheòrsach sna sgoiltean.

Thuirt Deborah Jack, Àrd-oifigear an urrais, gu bheil foghlam fèise a’ fàilligeadh balaich co-sheòrsach agus tha seo follaiseach anns na h-àireamhan de bhalaich air a bheil HIV.

• • •