Tha Glasgow Life air dearbhadh nach tèid Fèis-pròise Ghlaschu a chumail aig Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne am-bliadhna air sgàth ’s suim airgid a tha fhathast ri phàigheadh ris a’ chomhairle airson tachartasan roimhe.
Ann an aithris ri Phink Saltire madainn an-diugh thuirt an carthannas, a bhios a’ ruith goireasan cultarach as leth Comhairle Baile Ghlaschu, nach fhaod an tachartas goireasan comhairle a chleachdadh airson tachartas am-bliadhna.
Tha grunn dhuilgheadasan air a bhith aig an tachartas anns na mìosan a chaidh seachad.
Chaidh a chàineadh an-uiridh air sgàth ’s gun deach cus tiocaidean a reic agus nach robh cuid de dhaoine comasach air a dhol ann. Cuideachd bha gearanan mu dheidhinn droch-làimhseachadh de chleasaichean agus luchd-aoigheachd.
As t-fhoghar chaidh a dhearbhadh gun robh am poileas a’ toirt sùil air ionmhas na buidhne agus aig coinneamh poblach as t-Samhain dhearbh Stiùirich na Buidhne, Chris Laing, gun robh £32,500 fhathast aca ri phàigheadh ris a’ chomhairle.
Anns an aithisg bliadhnail aca dhan riaghlaiche carthannais OSCR, a ghabhas a leughadh an-seo, dhearbh iad call còrr ’s £46,000 an-uiridh, a’ toirt a-steach caiteachas mì-cheadaichte de £41,422.
Tha comhairle a’ bhaile a-nis air an taic aca a chur ris a’ bhuidheann ùr LGBT Co-operative a bhios a’ cumail an tachartas an-asgaidh Mardi Gla sa bhaile as t-samhraidh.
Tha BBC News ag aithris gu bheil eaglais ann an Dùn Phrìs a’ beachdachadh air taighean ùra a leasachadh dhan choimhearsnachd LCDT air làrach Eaglais an Naoimh Bhrìghde.
Chaidh an eaglais a thogail anns na 1860’an agus tha i fhathast aon de na toglaichean as fhollaisiche sa bhaile.
Thuirt Dr. Belle Doyle, a tha a’ stiùireadh an sgioba dealbhaidh, ris a’ BhBC gu bheil Eaglais Anglach an Naoimh Brìghde air a bhith a’ coimhead air àm ri teachd na h-eaglaise.
“‘S e aon dhe na duilgheadasan a th’ ann gur e eaglais uabhasach mhòr agus cha bhi mòran dhaoine ga cleachdadh a-nis”, ars i.
“B’ e am beachd rudeigin a thogail aig a’ chùl a bhiodh a’ pàigheadh beagan de mhàl talmhainn no rudeigin gus an eaglais a chumail a’ dol.”
Mhìnich i gu bheil iad airson pròiseact rud beag diofraichte a dhèanamh agus iad a’ beachdachadh air taighean a leasachadh do dhaoine LCDT nas sine.
“Tha mi air a bhith an-sàs leis a’ bhuidheann LCDT ann an Dùn Prìs is Gall-Ghaidhealaibh fiù ’s mus robh LCDT air”, lean i air adhart.
“Tha mi eòlach air tòrr dhaoine, ged a tha iad ag iarraidh a bhith a’ fuireach san sgìre, tha daoine a’ fàs nas sine, tha iad a’ fàs beagan nas iomallaiche.”
“‘S e seo buidheann so-leònte a bhiodh airson greim a ghabhail air cothrom air dòigh-beatha nas bailteil.”
Airson barrachd ionnsachadh mun sgeulachd seo, tadhalaibh air BBC News: LGBT-friendly homes at Dumfries church could be ‘life-changing’.
Tha David Mundell BP, air ràdh gum b’ e tighinn a-mach aon de na rudan as duilghe a rinn e.
“B’ e tighinn a-mach aon de na rudan as duilghe a rinn mi, ach aon de na rudan as cudromaiche cuideachd. Chuir na fhuair mi de thaic bho càirdean, teaghlach agus co-obraichean iongnadh orm.”
“Bu chòir a h-uile duine a bhith comasach air fuireach mar a thogras iad, gu sàbhailte, gu misneachail agus gun eagal ro bhreith no leth-bhreith. Tha sinn air adhartas mòr a dhèanamh a thaobh còirichean airson ar coimhearsnachdan LCDT, agus tha Mìos Eachdraidh LCDT na chuimhneachan luachmhor air na coileanaidhean sin a chaidh a bhuannachadh le oidhirp mhòr.”
“Ach, tha barrachd againn fhathast ri dhèanamh gus comann-sòisealta làn in-ghabhalach a thogail.”
Thàinig Mr Mundell a-mach ann an 2016 agus b’ e na chiad bhall de chaibineat Tòraidheach na RA gus a cho-sheòrsachd fhoillseachadh.
Bha Mr Mundell a’ bruidhinn air thòisich air fàilteachas a bhios Mr Mundell ag aoigheachd ann an Dùn Èideann an-diugh mar phàirt de Mhìos Eachdraidh LCDT.
Mar phàirt dhen fàilteachas bidh taisbeanadh sònraichte de dhealbhan a tha na buidhnean òigridh Fìobha Flavours of Fife agus Madras Pride air a thogail le taic bho neach-ealain agus dealbhaiche Suaineach, Jannica Honey.
Thuirt Mr Mundell mun thachartas:
“Ann an Dùn Èideann an t-seachdain seo, tha mi a’ coimhead air adhart ri urram a thoirt do chuid dhen na bhuidhnean LCDT agus luchd-iomairt iomadachd as cudromaiche ann an Alba. Tha mi air leth toilichte a bhith comasach air obair buidheann tàlantach de luchd-deilbh òga LCDT bho Fìobha a thaisbeanadh.”
Faodar barrachd ionnsachadh mun taisbeanadh an-seo.
Thàinig e am follais Didòmhnaich gun deach leigheas sìolachadh in-bhiotro a thabhann do chàraid fhireannach co-sheòrsach ann an Alba airson a’ chiad turas a-riamh san Rìoghachd Aonaichte.
A-rèir The Mail on Sunday, bidh SNS a’ toirt maoineachadh dhan chàraid gus ugh a thorrachadh le sìol-ghinidh aon dhiubh mus tèid an suth a ion-phlanntadh ann an neach-ionaid gus a thoirt gu breith.
Chaidh stiùireadh SNS atharrachadh ann an 2013 gus cothrom a thoirt gu càraidean aon-sheòrsach agus boireannaich singilte air sìolachadh in-bhiotro a chleachdadh ann an Alba, Sasainn agus a’ Chuimrigh.
Aig an àm ge-tà bha e toirmeasgte luchd-ionaid a chleachdadh airson IVF, a’ ciallachadh nach robh càraidean fireannach comasach air a chleachdadh.
Dh’atharraich Riaghaltas na h-Alba am poileasaidh sin ann an 2017 gus leigheas sìolachaidh a thabhann an-asgaidh do chàraid sam bith ge bith dè an gnè no an aidmheil cleamhnais aca.
Dhearbh neach-labhairt Riaghaltas na h-Alba ris The Mail on Sunday gu bheil SNS a’ tabhann leigheas sìolachadh in-bhiotro do dh’fhireannaich ann an dàimhean aon-sheòrsach fiù ‘s ma bhios iad a’ cleachdadh neach-ionaid, ach chuir e cuideam air a’ phuing nach lorgadh SNS neach-ionaid dhaibh.
Tha 87% de bhuill Eaglais Choimhearsnachd Westhill ann an Siorrachd Obair Dheathain air bhòtadh gus briseadh air falbh bho Eaglais Easbaigeach na h-Alba air sgàth ‘s suidheachadh a’ bhuidheann nàiseanta a-thaobh pòsadh aon-sheòrsach.
Thuirt an t-Urr. Fearghasdan ri The Press & Journal:
“Tha mi gu math duilich gu bheil an ìre seo air tighinn, tha e a’ briseadh mo chidhe.”
“Tha mi air a bhith nam bhall ann an Eaglais Easbaigeach na h-Alba airson grunn deicheadan agus cha robh mi airson a bhith san suidheachadh seo.”
“Tha e ro thràth a ràdh an dràsta dè a thachras a-nis.”
“Leanaidh sinn oirnn a bhith nan Anglaich Ortadogsach agus cha bhi sinn a’ cruthachadh buidheann ùr.”
Ann an 2017 bhòt Seanadh na h-Eaglaise gus cead a thoirt do phòsaidhean aon-sheòrsach.
Leig an t-Urr. Fearghasdan a dhreuchd ann an Caibideil a’ Chathair-eaglais air sgàth ‘s a’ cho-dhùnadh sin ag ràdh gun do bhòt an sgìre-easbaig aige an-aghaidh sagairtean a’ gabhail pàirt ann an pòsaidhean aon-sheòrsach.
Thàinig a’ chùis gu ceann an-uiridh nuair a chaidh an t-Urr. Anna Dyer na h-Easbaig Obair Dheathain agus Arcaibh.
Sgrìobh an t-Urr. Fearghasdan litir ri ceannardan na h-eaglaise anns an do thuirt e:
“Thuirt an Easbaig a bh’ againn aig an àm gu robh e an-aghaidh chlàr-ghnothaich ath-sgrùdachail dhen t-seòrsa seo, a’ comharrachadh cha e a-mhàin am beachd pearsanta aige fhèin, ach beachd an sgìre-easbaig againn.”
“A dh’aindeoin sin, ge-tà, tha sibh air easbaig a chur an dreuchd nach eil dìreach a’ toirt taic do phòsadh aon-sheòrsach, ach a tha air pòsaidhean aon-sheòrsach a stiùireadh.”
Ann an aithris mun naidheachd as ùire thuirt an t-Urr. Dyre gu bheil i gu math duilich gu bheil Eaglais Choimhearsnachd Westhill airson briseadh air falbh bhon Eaglais Easbaigeach na h-Alba agus gum bi i ag obair còmhla riutha gus an t-eadar-ghluasad a dhèanamh.
Tha an talla-spòrs neo-phrothaideach Projekt 42 ann an Lìte air ainmeachadh gum bi iad a’ tabhann chlasaichean fallaineachd seachdaineil an-asgaidh do dhaoine tar-ghnèitheach agus neo-bhìnearaidh.
‘S e amas an talla-spòrs slàinte-inntinn nan com-pàirtichean neartachadh le eacarsaich chorporra agus thuirt iad gu bheil iad airson àite eacarsaich sàbhailte a chruthachadh do dhaoine tar-ghnèitheach agus neo-bhìnearaidh.
Bidh iad a’ tabhann clasaichean do dh’fhireannaich tar-ghnèitheach agus do bhoireannaich tar-ghnèitheach ach thuirt na h-eagraichean gum bi fàilte ron a h-uile duine aig an dà chlas.
Bidh na clasaichean air am maoineachadh le airgead a thèid a thogail le clasaichean eile a tha iad a’ tabhann.
A bharrachd air na clasaichean fallaineachd gheibh com-pàirtichean cothrom air an lann lùth-chleas a chleachdadh an-asgaidh fad ceithir sheachdain agus ballrachd lasaichte gu gnìomhan eile an talla.
Tha Taigh-tasgaidh Schwules ann am Berlin air taisbeanadh ùr fhosgladh gus geamaichean-bhidio LCDTQ a chomharrachadh.
Bidh luchd-tadhail a’ leantainn an taisbeanadh timcheall bogha-froise, le dath eadar-dhealaichte aig gach roinn, a’ comharrachadh nan 33 bliadhna mu dheireadh de shusbaint LCDTQ ann an geamaichean tro ealain spèisearan, cuimhneachain agus agallamhan bhidio le luchd-dealbhaidh – a bharrachd air tiotalan mar Caper in the Castro, aon dhen a’ chiad gheamaichean LCDTQ, a tha ri cluich leis an luchd-tadhail.
Chaidh an taisbeanadh a chruthachadh le neach-tasgaidh, Jan Schnorrenberg; neach-naidheachd geamaichean-bhidio, Sarah Rudolph; agus Dr Adrienne Shaw, a tha na proifeasair agus ùghdar a’ speisealachadh ann an cùisean queer, feisealachd agus gnè ann an geamaichean-bhidio agus eachdraidh geamaichean-bhidio LCDTQ.
Ann an 2016 stèidhich Shaw an làrach-lìn LGBTQ Video Game Archive gus eachdraidh geamaichean-bhidio LCDTQ a chlàradh. Thuirt i ris The Guardian:
“Ron an tasglann, cha robh tuigse eachdraidheil air susbaint LCDTQ sa mheadhan seo.”
“Tha e ga dhèanamh furasta a dhìochuimhneachadh gu bheil an seòrsa susbaint seo an còmhnaidh air a bhith ann an geamaichean.”
Thuirt Schnorrenberg gu bheil i “an dòchas gum faigh na daoine a bhios a’ dol chun taisbeanadh seo cothrom air an cultar iongantach a tha ann an seo.”
Bidh Rainbow Arcade: Queer Gaming History 1985-2018 ri fhaicinn ann an Taigh-tasgaidh Schwules gu 13mh Chèitean 2019.
Tha Þórólfur Guðnason, aon dhe na prìomh Eòlaichean Sgaoileadh-ghalaran (Epidemiologist) ann an Innis Tìle, air iarraidh air an riaghaltas crìoch a chur air a’ chasg iomlan a th’ air fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala.
A-rèir The Reykjavik Grapevine, thuirt Guðnason:
“An toiseach, tha barrachd teans a-measg a’ bhuidheann seo air HIV no Hepatitis C san fhuil aca. “
“Tha daoine anns a’ bhuidheann seo a tha ri feise le dìon agus mar sin nach eil ann an cunnart, tha daoine eile ann ge-tà, aig a bheil dòigh-bheatha feiseil nas fosgailte, a tha buailteach air galaran mar seo a sgaoileadh.”
“Tha mi a’ creidsinn, mar a tha daoine eile anns an Roinn Eòrpa air a dhèanamh, gun urrainn sinn an casg iomlan a chur às agus grèis càtaidh airson grunn mhìosan a stèidheachadh.”
Anns na dùthchannan Lochlannach eile a leithid Nirribhidh agus an t-Suain faodaidh fireannaich fala a thoirt seachad mura h-eil iad air a bhith ri feise le fireannach eile fad 12 mìos.
Ged a tha casg iomlan ann an gnìomh san Danmhairg an dràsta, thèid an lagh atharrachadh ann an 2019 gus leigeil le fireannaich fala a thoirt seachad mura h-eil iad air a bhith ri feise le fireannach eile fad 4 mìos.
Postairean Gàidhlig ann an stoidhle an iomairt “Some People are Gay” le Stonewall.


















Tha Maria Miller, cathraiche Comataidh nam Ban agus Co-ionannachd, air an riaghaltas a chàineadh airson droch-làimhseachadh a dhèanamh air còirichean tar-ghnèitheach.
Ann an 2016 bha a’ Bh-Uas Miller na cathraiche rannsachadh air cùisean tar-ghnèitheach a mhol grunn atharrachaidhean laghail gus dèanamh cinnteach gu bi seirbheisean poblach a’ solarachadh airson feuman dhaoine tar-ghnèitheach.
Bhon uair sin, tha an Riaghaltas air ainmeachadh gum bi iad a’ dèanamh ath-leasachadh dhen Achd Aithneachadh Gnè gus am bi e nas fhasa do dhaoine tar-ghnèitheach aithneachadh laghail fhaighinn. Ged a bha seo a-measg molaidhean a’ chomataidh ann an 2016 tha a’ Bh-Uas Miller air ràdh gum bu chòir am fòcas a bhith air seirbheisean poblach ath-leasachadh an toiseach.
Ann an aithris ris The Press Association, thuirt i:
“Tha mi a’ smaointinn gu bheil iad air droch-làimhseachadh a dhèanamh air an dòigh anns a bheil iad a’ dèiligeadh ri cùisean tar-ghnèitheach agus nam biodh iad a’ coimhead gu cùramach air an aithisg comataidh agam gum biodh iad a’ dèanamh fòcas air solarachadh sheirbheisean an toiseach gus dèanamh cinnteach gum biodh sin ceart.”
“‘S iad na cùisean a tha cudromach do bheathannan dhaoine tar-ghnèitheach, agus an uair sin bhèir sùil air Achd Aithne Gnè – cha b’ e sin an cùis as cudromaiche do dhaoine tar-ghnèitheach a lorg sinn mar phàirt den rannsachadh.”
Chaidh a nochdadh gur ann aig Èirinn a Tuath a tha an an ìre uchd-mhacaichidh as ìsle a-measg càraidean aon-sheòrsach anns an Rìoghachd Aonaichte le dìreach 1 anns gach 15 iarrtasan soirbheachadh, an taca ri 1 anns gach 2 ann an àiteachan eile san Rìoghachd Aonaichte.
A-rèir na figearan, tha 30 càraid air iarrtas uchd-mhacaichidh a chur a-steach o chionn 2013, nuair a chaidh còirichean uchd-mhacaichidh a thoirt do chàraidean aon-sheòrsach, ach cha robh ach dà iarrtas soirbheachail nam measg.
Chaidh na figearan fhoillseachadh leis a’ BhBC, às deidh iarrtas saorsa fiosrachaidh.
Thuirt E. J. Havlin, stiùiriche Adoption UK ann an Èireann a Tuath, ris a’ BhBC gur e an dòigh anns an do dh’atharraich an lagh a tha as coireach.
Bha an casg air càraidean aon-sheòrsach bho bhith uchd-mhacachadh a chur às le cùirtean Èirinn a Tuath as dèidh cùis-lagha fada seach leis a’ Phàrlamaid mar a thachair anns an còrr dhen Rìoghachd Aonaichte.
Le seo, dh’atharraich an lagh tron oidhche agus cha do leig e ùine eadar-amail gus trèanadh agus taic a bharrachd a thoirt do luchd-obrach sòisealta.
“Tha seo air a bhith na atharrachadh cultarach air leth, agus tha e a’ toirt ùine airson gabhail ri sin”, ars i.
Thuirt neach-labhairt Roinn na Slàinte ris a’ BhBC gur dòcha gur e am pròiseas fada ann an Èirinn a Tuath aon de na h-adhbharan airson ìre reusanta ìosal, a‘ ciallachadh gum faodadh cuid de na tagraichean a bhith air an aontachadh mar-thà, ach cha deach leanabh a thoirt dhaibh fhathast.
Tha BBC News air an neach-naidheachd BBC Afraga, Ben Hunte, ainmeachadh mar a’ chiad neach-naidheachd LCDT aca.
Bidh e ag aithris air “sgeulachdan, cùisean agus deasbadan a’ buntainn ri feisealachd agus gnè” agus a’ dèanamh mion-sgrùdadh air cùisean a bheireas buaidh air coimhearsnachd LCDT an Rìoghachd Aonaichte.
An-dràsta tha e na phreasantair a’ phrògraim What’s New? – a ‘chiad phrògram telebhisean agus seirbheis dhidseatach aig a’ BhBC airson clann ann an Afraga.
Rè seusan Gay Britannia a’ BhBC ann an 2017, bha e na phreasantair a’ phrògraim The Ben Hunte Interviews air BBC Radio 4 anns an do rinn e agallamhan le sreath de dhaoine ainmeil leithid Paul O’Grady, Stephen K. Amos, Peter Tatchell, Ruth Hunt, Linda Riley agus Calum McSwiggan.
Tòisichidh e air a dhreuchd ùr anns an Fhaoilleach.
Dh’ainmich Mgr Hunte an naidheachd air Instagram ag ràdh:
“Tha mi cho toilichte a bhith na chiad neach-naidheachd LCDT a’ BhBC agus chan urrainn dhomh feitheamh gus innse sgeulachdan cudromach.”