Talla-spors Dhùn Èideann a’ tabhann chlasaichean fallaineachd an-asgaidh do dhaoine tar-gnèitheach agus neo-bhìnearaidh

Tha an talla-spòrs neo-phrothaideach Projekt 42 ann an Lìte air ainmeachadh gum bi iad a’ tabhann chlasaichean fallaineachd seachdaineil an-asgaidh do dhaoine tar-ghnèitheach agus neo-bhìnearaidh.

‘S e amas an talla-spòrs slàinte-inntinn nan com-pàirtichean neartachadh le eacarsaich chorporra agus thuirt iad gu bheil iad airson àite eacarsaich sàbhailte a chruthachadh do dhaoine tar-ghnèitheach agus neo-bhìnearaidh.

Bidh iad a’ tabhann clasaichean do dh’fhireannaich tar-ghnèitheach agus do bhoireannaich tar-ghnèitheach ach thuirt na h-eagraichean gum bi fàilte ron a h-uile duine aig an dà chlas.

Bidh na clasaichean air am maoineachadh le airgead a thèid a thogail le clasaichean eile a tha iad a’ tabhann.

A bharrachd air na clasaichean fallaineachd gheibh com-pàirtichean cothrom air an lann lùth-chleas a chleachdadh an-asgaidh fad ceithir sheachdain agus ballrachd lasaichte gu gnìomhan eile an talla.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.