Seirbheis ùr a' tabhann deuchainnean HIV tron phost

15 An Cèitean 2020

Tha HIV Scotland agus Waverley Care air seirbheis ùr a cur air bhog gus deuchainnean HIV a thabhann tron phost.

Tha HIV Self-test Scotland ag ràdh gu bheil iad airson dòigh shìmplidh fèin-dheuchainn a thabhann do dhaoine air feadh na h-Alba, gu h-àraid ri linn a’ Choròna-bhìoras nuair nach eil a h-uile duine comasach air siubhal.

Bidh na deuchainnean a’ sgrùdadh boinne-fala gus anti-cuirp HIV a lorg agus tha an stiùireadh aca ag ràdh gu bheil iad comasach air toradh a thoirt seachad ann an 15 mionaid agus gu bheil ìre-mionaideachd de 99.7% aca.

Faodar deuchainnean òrdachadh an-asgaidh bho hivtest.scot/order agus thèid an cur tron phost ann am pacaigeadh neo-nochdaidh taobh a-staigh 48 uair a thìde.

• • •

Ceannard Stonewall ùr air ainmeachadh

13 An Cèitean 2020

Chaidh ainmeachadh Dimàirt gur e Nancy Kelley ceannard ùr a’ charthannais LGBT+ Stonewall.

Tha Kelley an-dràsta ag obair aig an Ionad Nàiseanta airson Rannsachadh Sòisealta (NatCen) far a bheil i na Leas-cheannard agus Stiùiriche an Ionaid-rannsachaidh Poileasaidh.

Bha an obair aice aig NatCen an-lùib rannsachaidh air beachdan a’ mhòr-shluaigh air coimhearsnachdan LGBT+ agus air leth-bhreith agus às-dùnadh sòisealta a-measg daoine LGBT+ agus mion-bhuidhnean eile.

Tòisichidh i san dreuchd ùr aice air 1d dhen Ògmhios.

• • •

Lasachadh nan riaghailtean a thaobh fireannaich co-sheòrsach a’ toirt seachad fala ann an Èirinn a Tuath

07 An Cèitean 2020

Chaidh ainmeachadh gun tèid an lagh atharrachadh ann an Èirinn a Tuath gus am bi fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach comasach air fuil a thoirt seachad cho fhad ’s nach eil iad air a bhith ri feise le fireannach eile fad trì mìosan.

Tha riaghailtean làithreach a’ cur casg aon bhliadhna air fireannaich a tha air a bhith ri feise le fireannach eile.

Bidh an t-atharrachadh, a thèid a chur an gnìomh 1 Ògmhios 2020, a’ ciallachadh gum bi an lagh ann an Èirinn a Tuath co-ionann ris a’ chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte far an do dh’atharraich an lagh ann an 2017.

• • •

Derek Ogg air bàsachadh

04 An Cèitean 2020

Tha Derek Ogg, an neach-lagha a stiùir an iomairt gus maitheanas a thoirt do dh’fhireannaich gèidh agus dà-sheòrsach a chaidh a dhìteadh airson eucoirean feise ann an Alba, air bàsachadh aig aois 65.

Tha am BBC ag aithris gun deach Mgr. Ogg a lorg marbh na dhachaigh le oifigearan Dihaoine (1 Cèitean) agus gun d’thuirt iad “nach eil coltas ann gu robh suidheachadh amharasach ann.”

Bha Derek air a bhith an-sàs anns an iomairt airson còirichean LGBT+ bho na 1970an, a’ sabaid airson feise co-sheòrsach a dhèanamh laghail agus gus leth-bhreith a chur às na leabhraichean lagha.

Cho-stèidhich e an carthannas Scottish AIDS Monitor Group anns na 1980an leis an amas daoine ionnsachadh mun ghalar mus do ràinig e Alba gus am biodh fios aca ciamar a dhìonadh iad iad fhèin.

Ann an 2015 chaidh Duais Coileanaidh Fad-bheatha a thoirt dha leis an Lìonra Co-ionannachd.

Ann an aithris air Twitter, thuirt an lìonra:

“Tha sinn uabhasach duillich a chluinntinn gu bheil Derek Ogg QC air bàsachadh. Fad a bheatha, bha Derek na thagraiche dìoghrasach agus prionnsabalach a mhol co-ionannachd agus ceartas. Tha sinn fad’ ann an comain Derek agus tha sinn a’ cur ar co-fhaireachdainn dhùrachdach gu a theaghlach agus a charaidean.”

Thug Prìomh-mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, ùmhlachd do Derek cuideachd. Sgrìobh i air Twitter:

“Is e naidheachd uabhasach a tha seo. B’ e tagraiche air leth agus sàr-dhuine a bh’ ann an Derek. Bidh uiread de dhaoine na dhreuchd agus a bharrachd ga ionndrainn gu mòr. Bha e an-còmhnaidh na thoileachas dhomh cluinntinn bhuaithe mu chùisean air an robh faireachdainnean làidir aige agus bidh mi ag ionndrainn a ghliocas agus a chiall mhath.”

• • •

Stad air a chur air an obair gus Achd Aithneachadh Gnè na h-Alba ath-leasachadh

05 An Giblean 2020

Dhearbh Graeme Dey, Ministear airson Gnothaichean na Pàrlamaid agus Seann-saighdearan, an seachdain seo gun deach dàil a chur air obair a’ Phàrlamaid air cìs turasachd, ath-leasachaidhean gnè agus reachdas Brexit gus an urrainn do BhPA fòcas a dhèanamh air èiginn a’ Choròna-bhìoras.

Thuirt Dey gu robh seo duilich ach gum feumadh an Riaghaltas bilean nach eil riatanach ath-phrìomhachasadh mar thoradh air an oidhirp gus stad a chur air a’ bhìoras.

Sgrìobh Caidreachas Tar-ghnèitheach na h-Alba air an làrach-lìn aca gu bheil iad a’ tuigsinn gum feum èiginn a’ Choròna-bhìoras a bhith na phrìomhachas dha Riaghaltas na h-Alba agus gu bheil iad “a’ coimhead air adhart ri obair còmhla ri Riaghaltas na h-Alba aon uair ‘s gu bheil èiginn a’ Choròna-bhìoras seachad air grunn chùisean leithid ruigsinneachd air cùram-slàinte, dèiligeadh ri eucoirean gràineil agus eòlasan thar-dhaoine òga san sgoil.”

Tha iad cuideachd air litir bho Shirley-Anne Somerville, Rùnaire a’ Chaibineit airson Tèarainteachd Shòisealta agus Daoine nas Sine fhoillseachadh air an làrach-lìn aca, anns an d’thuirt i gu bheil “dealas làidir fhathast aig Riaghaltas na h-Alba ann a bhith ag ath-leasachadh Achd Aithneachadh Gnè 2004 agus leasachadh a dhèanamh air a’ phròiseas làithreach airson tar-dhaoine”.

Mar fhreagairt air an naidheachd, dh’fhoillsich Dr Màiri Crawford, Ceannard Òigridh LGDT na h-Alba, brath air làrach-lìn a’ bhuidheann anns an d’thuirt i:

“Tha mòran dhaoine, daoine òga LGDT agus ar com-pàirtichean nam measg, air oidhirp a dhèanamh gus dàta a chruinneachadh agus freagairtean a chruthachadh do cho-chomhairle Riaghaltas na h-Alba. Chan eil an obair chruaidh seo air chall. Tha na freagairtean sin dligheach agus bidh iad cuideachail nuair a thèid an ath-leasachadh air adhart.”

“Ged a tha e na bhriseadh-dùil gun deach stad a chur air an adhartas gus an GRA ath-leasachadh, agus gum feum tar-dhaoine gabhail ri dàil eile gus na còraichean aca a thoirt air adhart, tha sinn ag aideachadh gum feum Riaghaltas na h-Alba goireasan a chuimseachadh air dèiligeadh ris a’ ghalar mòr-sgaoilte agus taic a thoirt dhan NHS.”

Tha i a’ crìochnachadh am brath le bhith ag ràdh: “Nuair a thigeas an t-àm, cumaidh sinn Riaghaltas na h-Alba ris an gealladh aca gus an GRA ath-leasachadh agus am pròiseas làithreach airson tar-dhaoine a leasachadh. Bidh sinn deiseil airson taic a thoirt do dh’atharrachadh reachdail adhartach gus am bi Alba na h-àite as fheàrr airson tar-dhaoine òga fàs suas.”

• • •

Àireamh de dhaoine a' cleachdadh loidhne-chuideachaidh LCDT+ air àrdachadh air sgàth Coròna-bhìoras

29 Am Màrt 2020

Tha carthannas LCDT+ air aithris gu bheil iad air àrdachadh mòr fhaicinn anns an àireamh de dhaoine a’ cleachdadh an loidhne-chuideachaidh aca bho thòisich daoine fuireach san taigh air sgàth Coròna-bhìoras.

Thuirt an Stèidheachd LCDT gun robh an àireamh de ghairmean a fhuair iad thairis air an t-seachdain a chaidh seachad còrr is a dhà uiread an àireamh gun d’fhuair iad san aon ùine an-uiridh agus gu bheil iad an dùil ri àrdachadh eile an seachdain seo tighinn.

Thuirt iad gun robh mòran de dhaoine LCDT+ a’ sireadh taic air sgàth ’s gu bheil iad glacte aig an taigh còmhla ri teaghlaichean ana-cainnteach.

Mar thoradh air na riaghailtean a th’ ann a thaobh a bhith a’ cumail astair bho dhaoine eile, chaidh seirbheisean aghaidh ri aghaidh a’ charthannais a chur dheth gu 14mh Giblean, ach dh’fhaodadh an ceann-latha seo atharrachadh a-rithist.

Thuirt Àrd-oifigear an Stèidheachd, Paul Martin, gu bheil e airson gum bi fios aig a h-uile duine LCDT+ nach eil iad “leotha fhèin” agus chuir e ìmpidh orra fios a chuir gu loidhne-chuideachaidh a’ charthannais ma tha iad a’ strì aig an àm seo.

An-dràsta, tha iad ag obrachadh an loidhne-chuideachaidh air astar, Diluain-Dihaoine eadar 10m agus 6f ach tha iad a’ coimhead air roghainnean gus seo leudachadh.

Ma tha feum agad air cuideachadh, faodaidh tu fios a chuir chun Stèidheachd LGBT air 0345 3 30 30 30 no faodaidh tu an ruighinn tro phost-d aig helpine@lgbt.foundation.

• • •

BBC News: Pìleat le HIV a’ cur an aghaidh stiogma

14 Am Faoilleach 2020

Nochd an sgeulachd seo air làrach-lìn a’ BhBC o thùs: Pìleat le HIV a’ cur an aghaidh stiogma

Dh’innis duine air a bheil HIV ’s dhan deach innse nach fhaodadh e trèanadh fhaighinn mar phìleat choimearsalta, cò e, an dèidh dha a thargaid a choileanadh.

Bha James Bushe air a bhith ag iarraidh ainm a chumail dìomhair roimhe, ’s e air an t‑ainm “Pilot Anthony” a chleachdadh air Twitter airson sgrìobhadh mun t‑strì aige a dhol na phìleat.

Tha e a‑nis na phìleat aig Loganair, agus bha a’ chiad turas aige eadar Glaschu agus Steòrnabhagh air an deireadh sheachdain seo.

Chaidh cead a dhiùltadh dha James, 31, trèanadh fhaighinn seach nach fhaigheadh e teisteanas meadaigeach.

Riaghailtean

Ach tha Ùghdarras an Itealaich Shìobhalta (CAA) a‑niste air cur às dhan riaghladh sin.

Tha James air a bhith a’ sgèith ri taobh chaipteanan trèanaidh Loganair bhon t‑Samhain, ach tha e a‑niste air an trèanadh aige a chrìochnachadh, ’s e a‑niste le teisteanas na h‑itealain Embraer 145 aig Loganair a sgèith a‑mach à Glaschu.

Tha sin a’ fàgail gur e a’ chiad phìleat ùr san Roinn Eòrpa air a bheil HIV.

B’ e an tuigse a bh’ aig an CAA roimhe air riaghailtean Eòrpach gum faodadh pìleatan aig an robh teisteanasan mar thà cumail orra a’ sgèith nam faigheadh iad HIV, nam faigheadh iad teisteanas meadaigeach.

Ach a rèir na tuigse sin, chan fhaodadh duine air an robh HIV mar thà teisteanas fhaighinn airson trèanadh a thòiseachadh.

Chaidh James, a bhuineas do Stoke‑on‑Trent, an aghaidh an CAA, ’s bhuannaich e.

Tha a’ bhuidheann a‑niste air na riaghailtean atharrachadh, gus nach diùltar teisteanas meadaigeach do dhaoine le HIV.

An àite sin, gheibh daoine le HIV teisteanas a leigeas leotha sgèith – ach ann an suidheachaidhean far a bheil barrachd is aon phìleat an a‑mhàin.

Thuirt a’ bhuidheann gur e sin uile ’s a dh’fhaodadh iad a dhèanamh gus an toireadh Buidheann Eòrpach Sàbhailteachd na h‑Itealaich atharrachadh air na riaghailtean acasan.

Fhuair James cead pìleat phrìobhaidich nuair a bha e 17 – mus d’ fhuair e cead‑dràibhidh. Chaidh HIV a dhearbhadh ann o chionn còig bliadhna.

Tha e air a bhith ag iarraidh a dhol na phìleat o bha e na bhalach bheag, ’s thòisich e a’ sgèith aig aois 15.

Ghabh e uabhas nuair a fhuair e a‑mach nach fhaodadh e trèanadh ri linn HIV a bhith air.

Leth‑bhreith

“‘S e miann a tha seo a bh’ agam fad mo bheatha, agus bha e dìreach uabhasach a chluinntinn nach robh e a’ dol a thachairt,” thuirt e.

An dèidh 18 mìosan de thrèanadh, thuirt James gun robh e a’ faireachdainn iongantach a bhith na phìleat mu dheireadh thall.

“Tha an toileachas a bha mi a’ faighinnn o bhith a’ sgèith nuair a thòisich mi an trèanadh air fàs nas motha an‑diugh, gu h‑àraid ri linn na buaidhe a thug mi a‑mach,” thuirt e.

Cha b’ e co‑dhùnadh furasta a bh’ ann dha “tighinn a‑mach” mar phìleat air a bheil HIV.

B’ e na thug misneachd dha a dhèanamh, mar a dh’innis an t‑seann chluicheadair rugbaidh Chuimreach, Gareth Thomas, gun robh HIV air as t‑Samhradh an‑uiridh.

Thuirt James gun robh e a’ faireachdainn gun robh a bhith a’ cleachdadh ainm fuadain air Twitter a’ cur ris an stiogma a tha a’ cuairteachadh dhaoine a tha a’ tighinn beò le HIV.

“‘S ann mar mi fhèin a tha mi a’ dèanamh seo an‑diugh, oir tha mi airson cur an aghaidh an stiogma sin,” thuirt e.

“Chan ann mu mo dhèidhinn‑sa a tha seo a‑mhàin. ‘S ann mu dhèidhinn duine sam bith a tha beò le HIV ’s a tha ag iarraidh a dhol nam pìleat. Tha mi airson teachdaireachd a chur a‑mach gum faod iad sin a dhèanamh.

“‘S e an teachdaireachd agam do dhuine sam bhith a tha beò le HIV ’s a tha mu choinneimh leth‑bhreith – cuiribh na aghaidh, agus ’s urrainn dhuibh buannachadh.”

Tha leasachaidhean ann an dòighean lèigheis a’ fàgail gum faod dùil a bhith aig daoine air a bheil am bhìoras a bhith beò cha mhòr cho fada ri duine sam bith eile.

Tha James ag ràdh nach ionnan a bhith beò le HIV an‑diugh agus mar a bha e sna 1980an ’s na 1990an.

“Cha bu chòir do HIV bacadh a chur air duine o bhith a’ coileanadh am mianna,” thuirt e.

Nochd an sgeulachd seo air làrach-lìn a’ BhBC o thùs: Pìleat le HIV a’ cur an aghaidh stiogma

• • •

Fireannach fo chasaid ionnsaigh a thoirt air deugair tar-ghnèitheach

04 Am Faoilleach 2020

Tha fireannach, 18, fo chasaid ionnsaigh a thoirt air deugair tar-ghnèitheach ann an Àird Rosain anns an t-Samhain.

Tha casaid an aghaidh Todd Caimbeul gun do ghabh e greim air gàirdean agus amhach an fhulangaiche agus gun d’ thug e iomradh orra ann dòigh a bha claon-bhreitheach an aghaidh daoine tar-ghnèitheach.

Tha dùil gun nochd Caimbeul aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Cille Mheàrnaig anns a’ Chèitean.

• • •

Tagraiche taghaidh Ghleann Rathais air cogadh a ghairm an-aghaidh na coimhearsnachd LCDTQ

20 An t-Samhain 2019

Tha tagraiche taghaidh ann an Gleann Rathais air taic a’ Phàrtaidh Bhrexit a chall as dèidh dha cogadh a ghairm an-aghaidh na coimhearsnachd LCDTQ+.

Thàinig beachdan Victor Farrell am follais Diluain nuair a sgaoil BPA SNP, Jenny Gilruth, dealbhan-sgrìn de phuist a sgrìobh Farrell air Facebook ann an 2017 agus a tha fhathast rim faicinn air a’ phròifil phoblach aige.

Facebook Post le Victor Farrell

Ann an aon phost sgrìobh Farrell gun robh e a’ gairm cogadh an-aghaidh na coimhearsnachd LCDTQ air fad.

Chuir Peter Grand, tagraiche an SNP a tha ag iomair an-aghaidh Farrell airson cathair Ghleann Rathais, ìmpidh air a’ Phàrtaidh Bhrexit a chur às a’ phàrtaidh.

Dhearbh neach-labhairt a’ Phàrtaidh Bhrexit ris The Courier gu bheil iad air an taic aca a tharraing bho Fharrell agus nach eil iad ag aontachadh leis a bheachdan.

Tha Farrell a-nis gu bhith na sheasamh mar thagraiche neo-eisimeileach ach tha e air na beachdan aige ath-dhearbhadh ann am post Facebook an-dè anns an tug e iomradh air muinntir LCDTQ Fìobha mar “choimhearsnachd pheacail”.

Facebook Post le Victor Farrell

• • •

Tagraiche taghaidh Obar Dheathain air a chur à rèim airson puist an-aghaidh nan Iudhach agus nan co-sheòrsach

20 An t-Samhain 2019

Chaidh Ryan Houghton, tagraiche taghaidh Obar Dheathain a Tuath, a chur à rèim le Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba as dèidh dha puist an-aghaidh nam Muslamach, an-aghaidh nan Iùdhach agus an-aghaidh nan co-sheòrsach a sgrìobhadh ann am fòram air loidhne.

Chaidh na puist a thoirt am follais leis a’ phàipear-naidheachd The National na bu tràithe an seachdain seo.

Ann an aon phost, sgrìobh Houghton nach b’ urrainn dha fhaicinn mar a dh’fhaodadh co-sheòrsachd a bhith math do mhac an duine leis gum biodh an gnè a’ dol à bith nan robh a’ chuid as motha dhen t-sluaigh co-sheòrsach.

Ann am post eile sgrìobh e gun robh e dhen bheachd gun robh cuid de na rudan a thachair anns an Holocaust air an aibhseachadh no air am breugnachadh.

Thuirt Houghton ris The National gun deach na puist a thoirt à cho-theacsa agus nach eil beachdan an-aghaidh nan Iùdhach, gràin-chinnidheach no an-aghaidh nan co-sheòrsach air a bhith aige a-riamh.

Thuirt neach-labhairt nan Tòraidhean gu bheil “na beachdan anns na blogaichean seo neo-thaitneach agus gun deach Houghton a chur à rèim mar thoradh orra.”

“Tha a’ phàrtaidh air an taic airson an tagradh aige a tharraing air ais. Tha a h-uile seòrsa de ghràin an-aghaidh nam Muslamach, an-aghaidh nan co-sheòrsach agus an-aghaidh nan Iùdhach a’ cur uabhas air Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba.”

• • •

Proud Ness air ath-ainmeachadh gu Highland Pride

13 An Dàmhair 2019

Tha eagraichean Fèis-pròise Inbhir Nis air ainmeachadh gun tèid am buidheann aca ath-ainmeachadh gu Highland Pride gus coimhearsnachd LCDT+ na sgìre air fad aithneachadh.

Tha iad cuideachd air ainmeachadh gum bi iad ag eagrachadh sreath de thachartasan rè 2020.

Nam measg bidh iad ag eagrachadh òraidean, bùthan-obrach, leughadh leabhraichean, agus sgrìonadh de dh’fhilmichean LCDT+ rè Mìos Eachdraidh LCDT anns a’ Ghearran.

Thuirt Jess Taylor, Cathraiche Highland Pride:

“Tha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil fios aig a’ choimhearsnachd LCDT+ agus càirdean air feadh na Gàidhealtachd a bhios a’ siubhal gus an tachartas samhraidh againn a fhrithealadh gur ann dhaibhsan a tha an tachartas seo cuideachd – ‘s e seo ‘tachartas pròis na Gàidhealtachd’.”

“Faodaidh daoine a dhol an-sàs cuideachd le bhith a’ cur tachartasan a leithid coinneamhan sòisealta, tachartasan togail-airgid, bùthan-obrach, òraidean, agus comharraidhean pròise iomallach as urrainn dhuinn cuideachadh le bhith a’ brosnachadh fo sgàil Highland Pride ro làimh agus rè Pròise. Tha sinn an dòchas gum brosnaich seo tuilleadh chothroman sòisealta is lìonraidh air feadh na Gàidhealtachd tron bhliadhna.”

“Is e sgioba beag a th’ annainn, stèidhichte sa mhòr-chuid ann an Sìorrachd Inbhir Nis, agus mar sin feumaidh sinn ur cuideachadh gus tachartasan air feadh na Gàidhealtachd a leudachadh airson Fèis-pròise na Geamhraidh a bhios sinn a’ brosnachadh mar phàirt de phrògram fad mìos. Mar sin ma tha beachd agaibh airson oidhche ABBA san Aghaidh Mhòr, coinneachadh cofaidh ann an Cromba, oidhche film sa Ghearasdan, oidhche bàrdachd ann am Port Rìgh, òraid ann am Baile Dhubhthaich, oidhche fo-18 ann an Ulapul no cuairt ann an Inbhir Uige, tha sinn airson cluinntinn bhuaibh.”

“Air an dàrna làimh, ma tha planaichean agaibh mu thràth, aig an leabhar-lann, an sgoil no an ionad coimhearsnachd agaibh, airson Mìos Eachdraidh LCDT, cuiribh fios thugainn cuideachd.”

Bu chòir do dhuine sam bith le beachdan post-d a chur gu info@highlandpride.org no tadhal air www.highlandpride.org airson barrachd fhiosrachaidh.

• • •

Trusadh: "Bogha-froise"

08 An Dàmhair 2019

Tha earrann sònraichte de Thrusadh a-nis ri choimead air BBC iPlayer a bheireas sùil “air mar a tha iomairtean leithid nan Caismeachdan Pròis a’ toirt seachad dòchas a thaobh co-ionannachd agus in-ghabhaltas, agus cluinnidh sinn sgeulachdan bhon fheadhainn sa choimhearsnachd ann an Alba san là an-diugh”.

• • •