Daoine tar-ghnèitheach san Ungair gan casg bho bhith ag atharrachadh an gnè laghail aca

Tha pàrlamaid na h-Ungaire air bhòtadh airson lagh a chuireas casg air daoine tar-ghnèitheach an gnè aca atharrachadh air sgrìobhainnean oifigeil.

Bhòt 133 buill-phàrlamaid airson Artaigil 33, a tha ag ràdh gu bheil gnè stèidhichte air na prìomh fheartan gnè agus cròmosomaichean. Cha do bhòt ach 57 na h-aghaidh.

Tha Oifis Conaltraidh an Riaghaltais a’ cumail a-mach nach cur an co-dhùnadh aca bacadh air daoine sam bith am fèin-aithne aca a chur an cèill mar a thogras iad ach tha buidhnean còirichean air an lagh a chàineadh ag ràdh gu bheil e a’ stampadh air còirichean daoine tar-ghnèitheach agus eadar-ghnèitheach agus gu bheil an dùthaich a’ tilleadh dha na Linntean Dorcha.

Thòisich Transvanilla Transznemű Egyesület (Transvanilla Transgender Association) athchuinge a’ guidh air Ceann-suidhe a’ Choimisein Eòrpaich an lagh a chàineadh.

Thuirt Háttér Társaság(Háttér Society), a’ bhuidheann còirichean LCDT+ as motha san Ungair, gun dèan iad sabaid an-aghaidh an lagha agus ghuidh iad air Ceann-suidhe János Áder ga chur dhan chùirt bun-reachdail airson ath-sgrùdadh.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.