Muinntir na h-Eilbheise air bhòtadh airson pòsadh aon-sheòrsach

26 An t-Sultain 2021

Tha cha mhòr dà thrian de luchd-bhòtaidh anns an Eilbheis air bhòtadh airson pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail san dùthaich.

Bhòt 64.1 sa cheud de luchd-bhòtaidh agus a h-uile gin de na 26 cantonaichean (sgìrean) air a shon.

A bharrachd air pòsadh aon-sheòrsach, tha e a’ ciallachadh gum faod càraidean aon-sheòrsach clann uchd-mhacachadh agus gum faigh boireannaich chùeire cothrom air leigheas torrachais.

• • •

Alba air curaicealam a ghabhas a-steach cùisean LGDT+ a thoirt a-steach

26 An t-Sultain 2021

‘S e Alba a’ chiad dùthaich san t-saoghal gus curraicealam a ghabhas a-steach cùisean leasbach, gèidh, dà-sheòrsach is tar-ghnèitheach a thoirt a-steach.

Gheibh luchd-teagaisg cothrom air e-trèanadh aire a-thaobh cùisean LGDT+ agus pasgan de ghoireasan teagaisg in-ghabhalach air an làrach-lìn ùr http://lgbteducation.scot.

Bidh cuspairean do gach buidhean-aoise a-nis a’ toirt a-steach dearbhan-aithne, cùisean agus eachdraidh LGDT+ ann an oidhirp gus co-ionannachd a bhrosnachadh agus burraidheachd a lughdachadh.

Thèid làrach-lìn a chur air bhog cuideachd le goireasan agus fiosrachadh do dhaoine òga.

• • •

Emma Roddick ga suidheachadh mar cho-neach-gairm buidheann LGDT+ Taigh an Ròid

08 An t-Sultain 2021

Chaidh Emma Roddick BPA a shuidheachadh mar cho-neach-gairm buidheann thar-phàrtaidh LGDT+ Taigh an Ròid.

Is e ceann-uidhe a’ bhuidhinn cùisean a tha cudromach don choimhearsnachd LGDT+ an Alba a dheasbad agus a bhrosnachadh gus am beathannan a dhèanamh nas fheàrr.

Is i Roddick a’ chiad BPA LGDT+ airson na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

Bidh i ag obair còmhla ris a’ BhPA Tòraidheach Jamie Greene san dreuchd.

• • •

Riaghailtean nas fhosgailte gan cur an-gnìomh a-thaobh toirt seachad fala

14 An t-Ògmhios 2021

Chaidh riaghailtean ùra a chur an gnìomh an-diugh a tha a’ ciallachadh nach tèid dàil a chur air fireannaich a tha air a bhith ri fèise le fireannach eile anns na 3 mìosan a dh’fhalbh bho bhith a’ toirt seachad fala.

Tha na h-atharrachaidhean ùra, a tha a’ buntainn ris an Rìoghachd Aonaichte air fad, a’ ciallachadh gun tèid a h-uile tabhartaiche a mheasadh mar phearsachan air leth seachd mar bhuidhean farsaing.

• • •

Sealtainn airson a' chiad fèis-pròise aca a chumail an ath-bhliadhna

17 An Cèitean 2021

Chaidh ainmeachadh gun tèid a’ chiad fèis-pròise a-riamh ann an Sealtainn a chumail san Ògmhios 2022.

Cha deach fèis-pròise a chumail a-riamh anns na h-eileanan ged a tha grunn bhuidhnean LGBT air a bhith ann o chionn beagan bhliadhnaichean.

Chaidh ainmeachadh cuideachd gun tèid comataidh eagrachaidh a stèidheachadh gus an tachartais a stiùireadh agus gun tèid a’ bhuidheann Shetland Pride a chlàradh mar charthannas.

• • •

Seanadh Èireann a Tuath air bhòtadh airson casg a chur air teiripe iompachaidh

20 An Giblean 2021

Tha Seanadh Èireann a Tuath air bhòtadh an-diugh airson casg a chur air teiripe iompachaidh co-sheòrsachd.

Bhòt 59 airson a ghluasad agus 24 na aghaidh.

Tha an toradh a-nis a’ ciallachadh gu bheil mandat soilleir aig Ministear nan Coimhearsnachdan an casg a sgrìobhadh ann an reachdas ro deireadh na teirm làithreach.

• • •

Tagraiche Sealtainneach ga chàineadh

03 An Giblean 2021

Tha tagraiche neo-eisimeileach à Shealtainn fo chàineadh as dèidh dha ràdh gum faodadh an galar sgaoilte COVID-19 a bhith na thoradh pòsadh aon-sheòrsach a dhèanamh laghail.

Bidh Peter Tait a’ seasamh airson sgìre Shealtainn ann an taghadh Pàrlamaid na h-Alba an ath mhìos.

Thuirt Mgr Tait ri Shetland News gu bheil pòsadh aon-sheòrsach, a tha air a bhith laghail ann an Alba o chionn 2014, na chuspair a tha “a’ cur Dia an-aghaidh ar dùthaich” agus gu bheil e a’ dol “an-aghaidh lagh Dhe ma a tha e sgrìobhte anns a’ Bhìoball”.

Sheas Mgr Tait ann am fo-thaghadh 2019 nuair nach dh’fhuair e ach 31 bhòt.

Thuirt Kerrie Meyer, stèidheadair ShetlandLGBTQ.org.uk, gur e amaideas a th’ ann agus gum bu chòir dhan tagraiche dol air ais dhan toll primeval aige.

Thuirt i cuideachd gum faodadh am beachd amaideach aige gràin air daoine gèidh agus e a’ dol an-aghaidh Achd na Co-ionannachd 2010.

San eadar-ama, chaidh na tagraichean eile a bhios a’ seasamh airson sgìre Shealtainn ann an taghadh na h-ath mhìos a dhearbhadh, is iad: Martin Kerr, Am Pàrtaidh Làbarach; Brian Nugent, Restore Scotland; Nick Tulloch, Am Pàrtaidh Tòraidheach; Tom Willis, Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba; agus Beatrice Wishart, Libearalaich Deamocratach.

• • •

BPA a' bhòtadh airson Bile nan Eucoirean Gràin

13 Am Màrt 2021

Bhòt Buill Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin airson gabhail ri Bile nan Eucoirean Gràin.

Is e amas an lagh buidhnean so-leònte a dhìon bho dhìmeas mar thoradh aois, ciorram, creideamh, taobhadh feise, dearbh-aithne tar-ghnèitheach agus atharrachaidhean ann am feartan gnè.

Bhòt 82 air a shon agus 32 na aghaidh agus cha do bhòt ceathrar.

• • •

Deasbad air teiripe iompachaidh

07 Am Màrt 2021

Bidh BPan ann an Taigh nan Cumantan a’ deasbad Diluain teiripe iompachaidh a dhèanamh mì-laghail san Rìoghachd Aonaichte.

Bidh an deasbad ri fhaicinn air YouTube aig:

Tha barrachd fhiosrachaidh mu theiripe iompachaidh aig https://www.banconversiontherapy.com còmhla ri foirm far an urrainn dhut sgrìobhadh chun BhP ionadail agad gus do thaic a thoirt dhan a’ chasg.

• • •

Fireannaich gèidh agus dà-sheòrsach gu bhith comasach air fuil a thoirt seachad gun a bhith a' seachnadh feise

14 An Dùbhlachd 2020

Bidh fireannaich gèidh agus dà-sheòrsach comasach air fuil a thoirt seachad gun a bhith a’ seachnadh feise as dèidh dha ainmeachadh gun tèid na ceistean a thathar a chur air luchd-tabhartais atharrachadh ann an 2021.

An-dràsta chan fhaod fireannaich fuil a thoirt seachad san Rìoghachd Aonaichte ma tha iad air a bhith ri feise le fireannach eile sna trì mìosan a dh’fhalbh.

A-rèir molaidhean a’ Chomataidh Comhairleachaidh air Sàbhailteachd Fuil, Maothrain agus Buill-bhodhaig, thèid measadh cunnairt fa leth a thoirt dhan a h-uile duine agus barrachd ceistean a chur orra mu an giùlan feise.

Nì Seirbheis Fala na h-Alba (SNBTS) cinnteach gum bi fiosrachadh ann do luchd-tabhartais gus na h-atharrachaidhean a mhìneachadh agus gus dearbhadh gu bheil am fiosrachadh air a chumail gu tur ann an dìomhaireachd.

• • •

Ministearan Èireann a Tuath a' toirt taic do chasg air teiripe iompachadh co-sheòrsachd

13 An t-Sultain 2020

Tha ministearan ann an Èirinn a Tuath air dearbhadh gu bheil iad airson casg a chur air teiripe iompachadh co-sheòrsachd.

Tha teiripe iompachaidh air a mhìneachadh mar an oidhirp gus feisealachd no dearbh-aithne gnè neach atharrachadh. Chaidh an cleachdadh a chàineadh leis a’ mhòr-chuid de na prìomh bhuidhnean leigheas-inntinn agus gun deach a mhìneachadh leis na Dùthchannan Aonaichte mar sheòrsa de chràdh.

Aig coinneamh Dimàirt (8mh den Sultain), dhearbh Carál Ní Chuilín, Ministear nan Coimhearsnachdan; Robin Swann, Ministear na Slàinte; agus Naomi Long, Ministear an Ceartais gu bheil iad airson casg a chur air an cleachdadh.

Bidh Ní Chuilín na stiùiriche poileasaidh le taic bho feadhainn eile ann an Riaghaltas Èireann a Tuath.

Tha an naidheachd a’ tighinn còrr is dà bhliadhna as dèidh do Riaghaltas an RA gealltainn gun cuireadh iad casg air ach tha e fhathast laghail.

• • •

Màthair Albannach a' sireadh òrdugh-bacaidh gus sìol-ghinidh a nighean tar-ghnèitheach a shàbhaladh

27 An Lùnastal 2020

Tha màthair Albannach a’ sireadh òrdugh-bacaidh gus casg a chur air dotairean sìolachaidh sgrios a dhèanamh air sìol-ghinidh a nighean tar-ghnèitheach.

Bhàsaich Ellie Anderson, 16, gu h-obann san Iuchar.

Thòisich Ellie ag aithneachadh mar nighean nuair a bha i a 3 bliadhna a dh’aois, agus bha dùil aice air obair-lannsa daingneachadh gnè nuair a ruigeadh i 18 bliadhna a dh’aois.

Bha Ellie cuideachd airson a bhith na màthair nuair a bha i na b’ òige agus mar sin chuir i dàil air teiripe ionadachadh bhrodagan (HRT) a thòiseachadh gus am biodh i comasach air a sìol-ghinidh a reothadh.

Chaidh an sìol-ghinidh aice a reothadh aig Clionaig Sìolachadh Taigh-eiridinn Rìoghail Ghlaschu nuair a bha i 14 bliadhna a dh’aois, ach tha an clionaig air innse do mhàthair Ellie, Louise Anderson, nach urrainnear an sampall a chumail tuilleadh.

Fo riaghailtean sìolachadh daonna na Rìoghachd Aonaichte, nan robh Ellie ann an dàimh nuair a chaochail I, bhiodh còir aig a cèile iarraidh gun deidheadh an sìol-ghinidh aice a chumail ach chan eil a’ chòir sin aig màthair Ellie.

Tha Ms Anderson airson a’ chùis a thoirt gu Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann gus am bi neach-ionaid comasach air ogha bith-eòlasach a bhreith dha le bhith a’ cleachdadh sìol-ghinidh Ellie agus tabhartaiche ugh.

Tha i cuideachd air ath-chuinge a thòiseachadh air Change.org ag iarraidh air Boris Johnson an lagh atharrachadh.

• • •