Cuairt-litir #80

Cuairt-litir #80

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

JK Rowling

Tha JK Rowling air ràdh air X/Twitter gun do chlàraich i a creideamh mar “believer in biology” air Cunntas-shluaigh na h-Alba 2022.

A-rèir figearan a’ chunntas-shluaigh bha Rowling, a tha iomraiteach airson na beachdan gnè-chriotaigeach aice, a-measg 2,883 neach a sgrìobh gu bheil iad a’ creidsinn ann am bith-eòlas.

Bha iad a’ gabhail pàirt ann an iomairt leis a’ bhuidheann For Women Scotland a dh’iarr air daoine fianais a thogail an aghaidh na ceistean mu ghnè a nochd anns a’ chunntas-sluaigh.

Natasha Reddington Romanov

Chaidh tar-bhoireannach fhaighinn marbh Disathairne ann an Abhainn Tàimis, Lunnainn.

Chaidh Natasha Reddington Romanov, 55, fhaicinn mu dheireadh ann an Soho mu 2m air 21d latha den t-Sultain.

Cha do nochd i aig a obair Diluain agus fhuair na Poilis fios air an 24mh latha den t-Sultain gun robh i air a dhol a dhìth.

Fhuairear a corp air bruach na h-aibhne faisg air Vauxhall Bridge madainn Disathairne.

Thuirt na Poilis nach robh dad amharasach mun chùis agus gun tèid aithisg a chur dhan chrùnair.

An t-Aonadh Eòrpach

Tha Cùirt-cheartais na h-Eòrpa air riaghladh gum feum dùthchannan an Aonaidh Eòrpaich aithneachadh laghail a thoirt do dhaoine a tha air an gnè atharrachadh ann an dùthchannan eile taobh a-staigh an AE.

Tha an riaghladh air tighinn an dèidh gun do dhiùlt Romàinia aithneachadh laghail a thoirt do tar-fhireannach Romàineach a bha air a ainm is a ghnè atharrachadh fhad ’s a bha e a’ fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte eadar 2008 agus 2020.

Thuirt a’ chùirt gu bheil gnè "na phàirt bhunaiteach" de dhearbh-aithne neach" agus mura biodh ball-stàit ga aithneachadh gun dèanadh e duilgheadasan nam beatha làitheil agus gun cuireadh e bacadh air an còir aca a bhith a' gluasad agus a' fuireach air feadh an Aonaidh Eòrpaich.

A’ Chairtbheil

Tha Neach-labhairt Pàrlamaid na Cairtbheile air bile an-aghaidh muinntir LGDTCEN+ a shoidhnigeadh ‘na lagh an dèidh gun do dhiùilt Ceann-suidhe na Dùthcha, Salome Zourabichvili, a shoidhnigeadh.

[Mar a chaidh aithris roimhe](https://angeidhealur.scot/2024-09-20-cuairt-litir-78/), tha an lagh ùr a’ cur casg air pòsadh aon-sheòrsach, cùram slàinte daingneachadh gnè, daoine LGDTCEN+ anns nam meadhanan, brataichean pròise ann an àiteachan poblach agus tachartasan pròise.

KCFD

Tha KCFD (Kansas City Fire Department) air $1.3m a phàigheadh do neach-smàlaidh leasbach a tha air sàrachadh a fhulang fad dà dheichead.

Chaidh Rebecca Reynolds na neach-smàlaidh aig aois 40 agus chaidh a targaideachadh gu tric leis na co-obraichean agus na àrd-chinn aice air sgàth ’s an aois agus an taobhadh-feise aice.

Thathar ag aithris gur e seo an rèiteachadh as motha ann an eachdraidh an KCFD, rud a tha neo-shuarach ann an stàit far a bheil leth-bhreith a-thaobh taobhadh-feise fhathast laghail.

Washington D.C.

Tha McDonalds air $930,000 a phàigheadh do neach-obrach tar-ghnèitheach an-dèidh dhi sàrachadh a fhulang san àite-obrach.

Thoisich Diana Portillo Medrano ag obair aig McDonalds ann an 2011 an-dèidh dhi gluasad bho El Salvador agus mus d’rinn i eadar-ghluasad sòisealta.

Thòisich na àrd-cinn agus na co-obraichean a sàrachadh nuair a thoisich i air eadar-ghluasad a dhèanamh. Rinn i gearan mu a dheidhinn agus chaidh a chur às a dreuchd.

Cho-dhùin an diùraidh gun deach leth-bhreith a dhèanamh oirre o chionn ’s gu bheil i tar-ghnèitheach agus chaidh airgead-dìolaidh luach $700,000 a thoirt dhi agus $230,000 a bharrachd airson am mòr-dhragh a bh’ oirre.

Read more