Cuairt-litir #79

Cuairt-litir #79

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Dùthaich nan Tàidh

Chaidh Dùthaich nan Tàidh a’ chiad dhùthaich ann an taobh an ear-dheas na h-Àisia gus pòsadh aon-sheòrsach aithneachadh an dèidh gun do shoidhnig an Rìgh Maha Vajiralongkorn reachdas ùr Dimàirt. Chan eil pòsadh aon-sheòrsach ceadaichte ach ann an dà dhùthaich Àisianach eile; Taidh-Bhàn (2019) agus Neapàl (2023). Tha dùil ris a’ chiad bhainnsean aon-sheòrsach ann an Dùthaich nan Tàidh san Fhaoilleach.

Fèin-mhurt

Tha sgrùdadh a rinn carthannas an Trevor Project air 35,196 deugairean tar-ghnèitheach aois 13-17 anns an 19 stàitean a tha air laghan a tha ri oillt thar-ghnèitheach a chur an gnìomh a’ sealltainn gu bheil an àireamh dhaibh a tha air feuchainn làmh a chur nam beathannan fhèin air àrdachadh 72% bho chaidh na laghan a chur an gnìomh.

Thathar a’ measadh gun robh mu 508 bilean an-aghaidh na coimhearsnachd LGDTCEN+ a thoirt a-steach air feadh nan Stàitean Aonaichte ann an 2023 a-mhàin agus tha eòlaichean ag ràdh ged nach do shoirbhich a h-uile bile tha am bagairt air buaidh mhòr a thoirt air slàinte-inntinn dhaoine thar-ghnèitheach òga.

Faodar an sgrùdadh leughadh an-seo.

Tottenham Hotspur FC

Tha Tottenham Hotspur FC air cuid de na luchd-taice aca a chàineadh airson faclan homafòbach a channtaireachd rè gheama an aghaidh Manchester United na bu tràithe an-diugh.

Thuirt a’ chluba gun robh e “mì-iomchaidh” agus “ro-oilbheumach” agus gun obraicheadh iad còmhla ris a’ chomann LGDTCEN+ aca, Proud Lilywhites, gus dèanamh cinnteach gu bheil fàilte air a h-uile neach-taice aig geamannan.

Thuirt Proud Lilywhites: “We’re all Spurs fans just like you. When you sing these songs you’re telling us we don’t belong; and we do, as much as you do”.

Read more