Cuairt-litir #67

Cuairt-litir #67

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Trans Kids Deserve Better

Bha Trans Kids Deserve Better, buidheann de luchd-iomairt tar-ghnèitheach, a’ togail fianais air leac taobh a-muigh prìomh-oifisean NHS Shasainn fad ceithir latha an t-seachdain seo.

Dhìrich dithis dheugaire an togalach Disathairne le bratach a leugh “We are not pawns for your politics” is bha iad a’ togail fianais an aghaidh co-dhùnadh NHS Shasainn a chur casg air a bhith a’ toirt seachad casgan inbhidheachd do dh’euslaintich ùra fo 18 bliadhna a dh’aois a chaidh ainmeachadh air thoiseach air an taghadh coitcheann.

Bha mòran luchd-iomairt òga eile air cruinneachadh gus taic a chur thuca thairis air an deireadh sheachdain.

Thàinig iad sìos Dimàirt an dèidh dhaibh fantainn air an leac fad 75 uair gu leth.

Rinn am podcast “What the Trans!?” agallamh còmhla riutha Diluain is faodar èisteachd ris gu h-ìosal.

Keir Starmer

Tha Keir Starmer air bruidhinn a-mach an aghaidh còraichean tar-ghnèitheach a-rithist is e air ràdh nach eil còir aig tar-bhoireannaich air àiteachan boireannach a chleachdadh fiù ’s ma tha GRC (Teisteanas Aithneachadh Gnè) aca.

Chaidh fhaighneachd air Starmer le pàipear-naidheachd an Times an dèidh don ùghdar JK Rowling sgrìobhadh air Twitter: “Do biological males with gender recognition certificates have the right to enter women-only spaces? It’s a simple yes/no question, @UKLabour. Given that you intend to make it easier for men to gain said piece of paper, women have the right to an answer.”

Thuirt Starmer nach eil an còir aca, nach bu chòir dha bhith aca agus gum bu chòir do dh’àiteachan boireannach a bhith air an dìon.

Tha an aithris as ùire seo air tighinn seachdain an dèidh dha ràdh gum bu chòir do thar-bhoireannaich seòmraichean-taoibh ospadail a chleachdadh seach uàrdan boireannach agus gu bheil e a’ cur taic ri casg a thathar a’ moladh a chur air sgoiltean ann an Sasainn bho bhith a’ teagaisg clann mu dhearbh-aithnean tar-ghnèitheach.

Ionnsaigh air tar-bhoireannach

Tha na poilis ann an Siorrachd Durham a’ rannsachadh eucoir gràin an dèidh ionnsaigh air tar-bhoireannach ann an Stockton oidhche Mhàirt.

Tha triùir bhalach, 12, 14 agus 16 bliadhna a dh’aois, an grèim fo chasaid gun do shàth iad i.

Fhuair am fulangaiche, a tha mu 20 bliadhna a dh’aois, leigheas aig an làrach an toiseach, mus robh i air a toirt a dh’ospadal airson obair-lannsa air a cas.

Tha na poilis airson cluinntinn bho neach sam bith a bha ann an sgìre Rathad Norton air an oidhche. Faodar fios a chur thuca le bhith a’ cur fòn gu 101 agus an àireamh 123844 a thoirt seachad.

Campa Samhraidh Chléire

Bidh Meitheal Chléire agus AerachAiteachGaelach a’ ruith campa cànain do luchd-labhairt LGDTC+ na Gaeilge an ath mhìos.

Thèid a chumail 12-18 An Lùnastal ann an Cléire, Corcaigh.

Tha barrachd fhiosrachaidh mu a dheidhinn air Eventbrite.

Zaniar Matapour

Chaidh am fireannach a thug ionnsaigh air club-oidhche LGBTQ+ ann an Oslo rè Mìos na Pròise 2022, a dhìteadh de mhurt agus de cheannairceachd.

Nochd Zaniar Matapour aig a’ chùirt Diardaoin far an deach binn phrìosain 30 bliadhna, agus 20 bliadhna air a’ char as lugha a chur air.

Bhàsaich dithis fhireannach 54 agus 60 bliadhna a dh’aois agus bha na ficheadan de dhaoine eile air an goirteachadh nuair a thug Matapour ionnsaigh air club-oidhche an London Pub.

Samuel Woodward

Chaidh fireannach ann an California a dhìteadh airson fear eile a mharbhadh an dèidh dhaibh coinneachadh tron aplacaid suirghe Tinder.

Chaidh Samuel Woodward, 26, a chur an greim ann an 2018 fo chasaid gun do mhurt e an t-oileanach Iùdhach gèidh, Blaze Bernstein, 19, an dèidh dhaibh coinneachadh aig Lake Forest.

Chaidh corp Bernstein a lorg ann an uaigh ao-domhain is e air a bhith a shàthadh 20 turas.

Chuala a’ chùirt gun robh Woodward ceangailte ri Atomwaffen Division, buidheann Nua-Nàsach ann an Teagsas agus gun robh air air fireannaich gèidh eile a thargaideachadh air Tinder roimhe.

Chaidh Woodward a dhìteadh de mhurt agus de bhith ri eucoir-gràin agus tha dùil gun tèid binn-bheatha sa phrìosan air 24 An Dàmhair.

A’ Chairtbheil

Tha reachdas ùr an aghaidh na coimhearsnachd LGDTC+ air dol tron a’ chiad leughadh aige ann am Pàrlamaid na Cairtbheile.

Chuireadh an reachdas casg air: cruinneachaidhean a bhrosnaicheadh càirdeasan aon-sheòrsach gu poblach; càraidean aon-sheòrsach bho bhith ag uchd-mhacachadh cloinne; luchd tar-ghnèitheach bho bhith ag atharrachadh an gnè air sgrìobhainnean oifigeil; agus “propaganda LGBT” ann an foghlam.

Tha pòsadh aon-sheòrsach mì-laghail fo bhun-reachd na dùthcha mar-thà.

Tha dùil gun tèid an reachdas dhan dàrna agus an uair sin an treasamh leughadh as t-fhoghar.

Istanbul

Thathar ag aithris gun deach 15 neach a chur an grèim ann an Istanbul Didòmhnaich an dèidh gun tug còrr is 100 neach pàirt ann an caismeachd pròise a bha air a thoirmeasg le Riaghaltas na Tuirce.

Read more