Leis gu bheil na pàrtaidhean poileataigeach uile air na manifestothan aca fhoillseachadh a-nis, seo agaibh geàrr-chunntas air na tha iad ag ràdh mu chòraichean LGDTC+.
Tha manifesto na h-Uainich ag ràdh:-
gun cuireadh iad casg air cleachdaidhean ris an caran “teiripe iompachaidh” a dh’fheuchas ri taobhadh-feise no dearbh-aithne gnè neach atharrachadh;
gun dèanadh iad cinnteach gum faigheadh pàrantan neo-bhìnearaidh is aon-sheòrsach cothrom air fòrladh pàrantachd;
gun iarradh iad air Rùnaire na Stàite airson Alba an casg a chaidh a chur air ath-leasachaidhean gnè an Alba a thogail;
gun seasadh iad an aghaidh oidhirpean gus Achd na Co-ionnannachd atharrachadh gus mìneachadh an fhacail “gnè” atharrachadh gu “gnè bith-eòlasach”;
agus gun cuireadh iad taic do dh’iomairtean airson còraichean bhoireannach agus LGDTCEN+ air feadh an t-saoghail.
Tha manifesto an SNP ag ràdh:-
gun seasadh iad airson còraichean a’ choimhearsnachd LGDTE;
agus gum biodh iad comasach còraichean LGDTE leasachadh le cumhachdan làn a thigeadh le neo-eisimeileachd.
Tha manifesto a’ phàrtaidh Alba ag ràdh:-
gun cuireadh iad dìon air còraichean bhoireannach, stèidhichte air gnè.
gu bheil iad airson seanadh shaoranach a chur air bhonn gus sgrùdadh a dhèanamh air an dòigh as fheàrr reachdas aithneachadh gnè ath-leasachadh.
Chan eil manifesto nan Làbaraich ag ràdh mòran mu chòraichean LGDTC+, ach thuirt iad gu bheil iad airson molaidhean na h-aithisge Cass a chur an gnìomh an Alba.
Tha manifesto Pàrtaidh Làbarach na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh:-
gun cuireadh iad molaidhean na h-aithisge Cass an gnìomh;
gun dìonadh iad àitheachan aon-sheòrsach;
agus gun cuireadh iad casg air cleachdaidhean ris an canar “teiripe iompachaidh”.
Tha manifesto nan Libearalaich ag ràdh:-
gun seasadh iad airson còraichean dhaoine ge b’e dè an taobhadh-feise no an dearbh-aithne gnè a th’ aca;
gun cuireadh iad casg air na cleachdaidhean ris an canar “teiripe iompachaidh”;
gun atharraicheadh iad reachdas aithneachadh gnè gus an riatanas mu fhianais-leigheis a thoirt às;
agus gun aithnicheadh iad dearbhan-aithne neo-bhìnearaidh ann an lagh.
Tha manifesto nan Toraidhean ag ràdh:-
gun cuireadh iad molaidhean na h-aithisg Cass a chur an gnìomh an Alba;
gun cuireadh iad an aghaidh oidhirp sam bith gus Bile na Aithne Gnè a thoirt air ais;
gun dèanadh iad soilleir ann an lagh gu bheil Achd na Co-ionnannachd stèidhichte air “gnè bith-eòlasach”;
agus gun dìonadh iad àiteachan aon-sheòrsach ann an toglaichean poblach.
Tha manifesto Reform UK ag ràdh:-
gun cuireadh iad casg air “ideòlas tar-ghnèitheach” ann am bun-sgoiltean agus ann an àrd-sgoiltean;
gun cuireadh iad casg air neach-cloinne bho bhith ag atharrachadh na riochdairean aca, no bhith a’ dèanamh eadar-ghluasad sòisealta aig an sgoil;
gun iarradh iad air sgoiltean innse do na pàrantan nuair a bhios neach-cloinne airson rudan mar seo a dhèanamh;
agus gun iarradh iad air sgoiltean àiteachan aon-sheòrsach a thabhann.
Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.