Cuairt-litir #66

Cuairt-litir #66

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Dàta a’ Chunntais-shluaigh

Tha dàta a’ chunntais-shluaigh a’ sealltainn gu bheil còrr is 180,000 neach leasbach, gèidh no dà-sheòrsach, agus cha mhòr 20,000 neach tar-ghnèitheach a’ fuireach an Alba.

Thuirt 46% den 19,990 den fheadhainn thar-ghnèitheach gu bheil iad ag aithneachadh mar neo-bhìnearaidh.

Tha na figearan a’ ciallachadh gu bheil 0.44% de mhuinntir Alba nas sìne na 16 bliadhna tar-ghnèitheach, is 4% leasbach, gèidh no dà-sheòrsach.

Keir Starmer

Tha Keir Starmer air ràdh ann an agallamh le LBC gum bu chòir do thar-bhoireannaich seòmraichean-taoibh ospadail a chleachdadh seach uàrdan boireannach.

Thuirt e cuideachd ann an grunn agallamh madainn Dimàirt gu bheil e a’ cur taic ri casg a thathar a’ moladh a chur air sgoiltean ann an Sasainn bho bhith a’ teagaisg clann mu dhearbh-aithnean tar-ghnèitheach.

An Ruis

Tha neach-poilitigs anns an Ruis air ràdh ann an agallamh le Novaya Gazeta Baltiya gun deach sparradh orra dì-eadar-ghluasad a dhèanamh gus nach biodh iad air an cur gu ospadal-inntinn.

Dh’iarr iad air Àrd-chùirt na Ruise riaghladh nan robh còir aca a bhith beò mar neach tar-ghnèitheach, ach dhiùlt iad co-dhùnadh a dhèanamh.

Mathanas

Tha Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, Joe Biden, air mathanas oifigeil a thabhann do sheann-shaighdearan a chaidh a dhìteadh airson a bhith ri feise co-sheòrsach.

Bha feise co-sheòrsach co-aontachail mì-laghail am measg shaighdearan Feachdan Armaichte nan Stàitean Aonaichte eadar 1951 agus 2013.

Thathar a’ measadh gu bheil mu 2,000 sheann-shaighdear ann a tha ion-ròghnach air tagradh a chur a-steach airson mathanas agus cothrom fhaighinn air na sochairean air a bheil iad airidh.

Àrd-chùirt nan Stàitean Aonaichte

Tha Àrd-chùirt nan Stàitean Aonaichte air aontachadh riaghladh air cùis-lagha an aghaidh reachdas a rinn e mì-laghail ann an Tennessee cùram-slàinte daingneachadh gnè a thoirt seachad do dhaoine nas òige na 18 bliadhna a dh’aois.

Tha e air tighinn an dèidh do triùir dheugairean, na pàrantan aca agus dotair a bhios a’ toirt seachad cùram slàinte daingneachadh gnè cùis-lagha a thogail an aghaidh a’ chaisg.

Tha Rianachd a’ Chinn-shuidhe Biden agus grunn bhuidheann mheadaigeach air an taic a chur ris a’ chùis-lagha cuideachd.

Tha 25 stàit eile air casgan coltach ris an fhear aig Tennessee a chur an gnìomh.

‘S e seo a’ chiad tùras gum bi cothrom aig an Àrd-chùirt riaghladh air a’ chuspair seo agus mar sin bidh an co-dhùnadh aca air leth chudromach airson còraichean tar-ghnèitheach anns an SA.

Read more