Cuairt-litir #61
Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Cardiff
Tha na Poilis ann an Cardiff a’ rannsachadh eucoir gràin homafòbach as dèidh gun deach ionnsaigh a thoirt air neach-stèidheachaidh an iomairt Drag Queen Story Hour UK, Sebastian Samuel, agus a bhràmair.
Dh’fhàg iad ionad, far an do dh’iarr Samual air a bhràmair a phòsadh, mu 3m Didòmhnaich, nuair a thoisich dithis fhireannach a’ tilgeil slugaidhean homafòbach orra. Chaidh Samuel an uair sin a chur ann am paisean.
Tha na Poilis airson ’s gun cur neach sam bith aig a bheil fiosrachadh mu na thachair fios a chur thuca air 101 agus an àireamh 2400163187 a thoirt seachad.
Foghlam
Tha cunntas-beachd ùr YouGov a’ sealltainn gu bheil a’ mhòr-chuid dhen bheachd gum bu chòir do sgoilearan ionnsachadh mu dheidhinn dearbhan-aithne gnè eadar-dhealaichte.
Thuirt 61% de dhaoine gum bu chòir do sgoilearan ionnsachadh gun urrainn do neach an gnè atharrachadh, agus thuirt 60% gum bu chòir dhaibh ionnsachadh gu bheil daoine neo-bhìnearaidh ann.
Carolina a Deas
Tha Riaghladair Carolina a Deas, Henry McMaster, air bile a shoidhnigeadh ‘na lagh a tha a’ cur casg air dotairean bho bhith a’ toirt seachad cùram slàinte daingneachadh gnè do neach sam bith fo aois 18 bliadhna a dh’aois.
Fon lagh ùr, a chaidh a chur an gnìomh sa bhad, bidh e cuideachd mì-laghail maoineachadh poblach a chleachdadh gus cùram-slàinte daingneachadh gnè a thabhann do neach sam bith ge bith dè an aois a tha iad.
Tha an lagh cuideachd a’ cur air nursaichean, tidsearan agus rianairean sgoile innse do phàrantan ma tha oileanach airson eadar-ghluasad a dhèanamh aig an sgoile.
Illinois
Ghabh buill dà thaigh Stàite na h-Illinois ri bile ùr a leigeas le neach tar-ghnèitheach an ainm no an gnè a th’ air teisteanasan-breith no ceadan-dràibhidh a fhuair iad taobh a-muigh na stàite a cheartachadh. Thèid am bile a-nis air adhart gu Riaghladair J.B. Pritzker airson soidhnigeadh ’na lagh.
Minnesota
Shoidhnig Riaghladair Mhinnesota, Tim Walz, lagh ùr a tha a’ cur casg air sgoiltean, colaistean agus leabhar-lannan bho bhith a’ cur casg air leabhraichean LGDTC+.
Buenos Aires
Tha luchd-casaid ann am Buenos Aires air casaid muirt a chur às leth deichnear oifigear-poilis as dèidh mar a chaidh tar-bhoireannach, Sofia Fernández, fhaighinn marbh fhad ’s a bha i ann an grèim.
Thuirt na Poilis an tòiseach gun d’fhuair Fernández, 39, bàs aithghearr às dèidh clisgidh-chridhe, ach thuirt iad an dèidh seo gun do chur i làmh na beatha fèin. Lorg an sgrùdadh ge-tà gun deach a mùchadh às dèidh dhi air a bhith air a bualadh.
Seòladh
Tha buidheann-riaghlaidh seòladh na cruinne air bhòtadh gus casg a chur air tar-bhoireannaich bho fharpaisean nam ban nan deach iad tro dh’inbhidheachd mar fhireannach no ma tha ìre teisteostaroin aca a tha nas àirde na 2.5 nanomole anns gach liotair.