Cuairt-litir #51
Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
Rishi Sunak
Chaidh càineadh a dhèanamh air a’ Phrìomhaire, Rishi Sunak, Diciadain an dèidh dha muinntir thar-ghnèitheach a chleachdadh gus goth a thoirt air Keir Starmer, fhad ‘s a bha màthair Brianna Ghey, an deugaire tar-ghnèitheach a chaidh a mharbhadh an-uiridh ann an Culcheth, an làthair aig Taigh nan Cumantan.
Liz Truss
Thuirt Liz Truss Dimàirt aig tachartas a chur am faigsean Tòraidheach ùr “PopCon” (Popular Conservatisim) air bhog, gur e “eastramaichean na làimhe chlì” a th’ ann an luchd-àrainneachd agus an fheadhainn a bhios a’ cur taice ri dhaoine LGDTCEN+ agus mion-shluaghan cinnidheach.
An Ruis
Tha Associated Press ag aithris gun deach peanas-airgid ₽1,500 air an neach-ealain, Inna Mosina, Diluain airson dealbhan anns a bheil brataich a’ bhogha-froise a’ nochdadh a cho-roinneadh air Instragram.
Thathar ag aithris gur e Mosina a-nis an treasamh neach a chaidh a dhìteadh airson bogha-froise a thaisbeanadh.
A-rèir Reuters, chaidh peanas-airgid 1,000 air fireannach Diardaoin seo chaidh airson dealbh anns a bheil bratach LGBTQ+ a’ nochdadh a phostadh air loidhne agus tha The Daily Beast ag aithris gun deach binn còig latha sa phrìosan air Anastasia Yershova Diluain seo chaidh an dèidh dhi fireannaich a dh’iarr oirre fàinneachan-cluaise air dathan a’ bhogha-fhroise a thoirt oirre a dhiùltadh.
Riaghail Àrd-chùirt na Ruise san t-Samhain 2023 gur e buidheann “eastramach” a th’ anns an “iomairt eadar-nàiseanta LGDT”.
Suirbhidh Aimeireaganaich Tar-ghnèitheach
Tha an NCTE (National Center for Transgender Equality) air toraidhean tràtha na suirbhidhe 2022 aca fhoillseachadh agus iad a’ sealltainn gu bheil 94 sa cheud den fheadhainn a thug pàirt san suirbhidh nas toilichte an dèidh dhaibh eadar-ghluasad a dhèanamh.
Thuirt 98 sa cheud den fheadhainn a bha air teiripe bhrodagan a thòiseachadh agus 97% den fheadhainn a chaidh fo obair-lannsa daingneachadh gnè gu bheil iadsan nas toilichte.
Cha tuirt ach 3 sa cheud gun robh riarachadh beatha nas lugha aca an dèidh dhaibh eadar-ghluasad a dhèanamh.
Sgioba Oilimpeach nan Stàitean Aonaichte
Tha Riochdaire Florida, Greg Steube, agus Seanadair na h-Alabama, Tommy Tuberville, air bile a chur air adhart a chuireadh casg air tar-bhoireannaich bho bhith a’ farpais ann an sgioba boireannach nan Stàitean Aonaichte aig na Geamannan Oilimpeach 2024 ann am Paras.
Tha riaghailtean an IOC (Comataidh Oilimpeach Eadar-Nàiseanta) ag ràdh gum faod lùth-chleasaichean farpais san gnè fhaighte aca cho fhad ‘s gun d’rinn iad eadar-ghluasad ro aois 12.