Riaghaltas na h-Alba a’ sireadh beachdan air casg air teiripe-iompachaidh
Tha Riaghaltas na h-Alba air co-chomhairleachadh a thòiseachadh air na planaichean aca a chur casg air cleachdaidhean ris an canar “teiripe iompachaidh”.
‘S e a th’ ann an “teiripe iompachaidh” cleachdadh sam bith a dh’fheuchas ri taobhadh feise, no dearbh-aithne gnè, neach atharrachadh.
Fon chasg a tha am beachd, dh’fhaodadh do neach no buidheann sam bith a bhith air an dìteadh ma nì iad cron (corporra no saidhg-eòlach) air neach le bhith a’ feuchainn ris an taobhadh-feise no gnè atharrachadh.
Faodar barrachd fhiosrachaidh mun a’ cho-chomhairleachadh, a bhios a’ ruith dhan 2na latha den Ghiblean, fhaighinn an-seo.