Stiùireadh ùr do sgoiltean ann an Sasainn mu sgoilearan tar-ghnèitheach agus neo-bhìnearaidh

Tha stiùireadh ùr bhon riaghaltas ag ràdh nach fheum sgoiltean ann an Sasainn dearbh-aithne gnè sgoilear aithneachadh.

Tha an stiùireadh neo-reachdail cuideachd ag ràdh;

  • gum bu chòir do sgoiltean fios a leigeil do phàrantan ma bhios sgoilear airson na riochdairean pearsanta aca no an ainm atharrachadh aig an sgoil;

  • nach bu chòir sgoilearan eadar 4 agus 11 bliadhna a dh’aois a bhith comasach air na riochdairean pearsanta aca atharrachadh;

  • gum faod sgoiltean iarrtasan bho sgoilearan nas sìne a tha airson na riochdairean pearsanta atharrachadh a dhiùltadh;

  • gum bu chòir do sgoilearan a tha air eadar-ghluasad sòisealta a dhèanamh àiteachan aon-sheòrsach, a leithid taighean-beaga no seòmraichean-èididh, a cho-fhreagaireas ris an gnè laghail aca a chleachdadh. Faodaidh sgoiltean roghainn eile a leithid seòmraichean aon-neach a thabhann do sgoilearan air a bheil mòr-dhragh mu seo.

Chaidh an stiùireadh a dhubh-chàineadh le buidhnean LGDTCEN+.

Thuirt an carthannas Galop gum bi dithis anns gach còignear daoine tar-ghnèitheach is neo-bhìnearaidh a’ fulaing droch-dhìol aig an taigh agus gum faodadh sgoiltean sgoilearan a chur an cunnart le bhith a’ leigeil fios do phàrantan.

Rinn Stonewall coimeas eadar an stiùireadh ùr agus Section 28, reachdas 1988 a chur casg air sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail eile bho bhith “a’ brosnachadh” co-sheòrsachd.

Bidh co-chomhairle air an stiùireadh a’ ruith dhan 12na latha den Mhàrt.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.