Cuairt-litir #41
Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTCEN+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.
HIV ann an Alba
Tha an àireamh de chùisean ùra HIV am measg fireannaich eile-sheòrsacha air a dhol seachad air an àireamh de chùisean ùra am measg fireannaich ghèidhe airson a chiad turas san deichead mu dheireadh.
A-rèir figearan ùra bho Slàinte Poblach na h-Alba bha 42% de chùisean ùra ann an 2022 air an lorg ann am fireannaich eile-sheòrsach, an taca ri 29% ann am fireannaich ghèidhe.
An EHRC
Tha Coimisean na Co-ionannachd agus Chòraichean a’ Chinne-daonna (EHRC) air stiùireadh ùr fhoillseachadh do sgoiltean ann an Sasainn a tha a’ moladh nach e leth-bhreith a th’ ann tuilleadh ma bhios luchd-teagaisg a’ mhì-ghnèitheachadh oileanaich.
A-rèir an stiùireadh a bh’ ann roimhe, b’ e leth-bhreith a bh’ ann am mì-ainmeachadh no mì-ghnèitheachadh oileanaich thar-ghnèithich leis gu bheil ath-bhuileachadh gnè na feart dìonta fo Achd na Co-ionnannachd, ach tha iad air an earrann seo a thoirt às an stiùireadh ùr.
A bharrachd air sin, tha an stiùireadh ùr a’ ràdh gum feum sgoiltean taighean-beaga aon-sheòrsach a sholarachadh do chlann nas sìne na 8, agus seòmraichean-èididh aon-sheòrsach do chlann nas sìne na 11.
Tha an stiùireadh cuideachd a’ ràdh gum bu chòir dhan seòmraichean seo a bhith air an sgaradh a-rèir gnè bith-eòlasach agus gum bu chòir do sgoiltean seòmraichean prìobhaideach a sholarachadh do chlann tar-ghnèitheach.
“Teiripe” iompachaidh
Tha The Times ag aithris gu bheil dùil gum bi Rishi Sunak a’ cur cùl ris a’ chasg air cleachdaidhean ris an canar “teiripe” iompachaidh.
‘S e a th’ ann an “teiripe” iompachaidh cleachdadh sam bith a dh’fheuchas ri taobhadh feise, no dearbh-aithne gnè, neach atharrachadh.
Tha The Times ag aithris gun ainmich an riaghaltas gu bheil iad air cùl a chur ris a’ chasg leis gu bheil casgan den leithid air a bhith neo-èifeachdach ann an cuid de dhùthchannan eile.
Tha còrr ’s còig bliadhna agus ceathrar Prìomhairean air a bhith ann a-nis bho gheall na Tòraidhean an toiseach casg a chur air “teiripe” iompachaidh.
Gheall Sunak nuair a chaidh e na Phrìomhaire gum biodh an casg deiseil a chur an gnìomh san t-Samhain, ach chan fhacas dreach bhile fhathast is am pàrlamaid a-nis briste gu meadhan na Dàmhair.
Fògarraich
Tha Rùnaire na Dùthcha, Suella Braverman, air ràdh nach eil eagal ro leth-bhreith na adhbhar gu leòr airson comraich a cheadachadh do dh’fhògarrach gèidh no boireannach.
Thathar ag aithris gu bheil Braverman na beachd gu bheil cunnradh nan Nàiseanan Aonaichte air fògarraich ro sheann is feumach air ath-leasachadh.
A’ Phòlainn
Tha ceannard a’ phàrtaidh Civic Platform, Donald Tusk, air ràdh gun dèan e nas fhasa do luchd tar-ghnèitheach an gnè laghail atharrachadh agus gun toir e aithneachadh laghail do chompanasan-catharra aon-sheòrsach ma shoirbhicheas iad ann an taghadh na h-ath mhìos.
Afraga a Deas
Tha seachdnar an grèim ann an Afraga a Deas an dèidh dhaibh an aplacaid Grindr a chleachdadh gus oileanach, 18, a thàladh is a thoirt fo bhruid Dimàirt seo chaidh.
Thuirt na Poilis ann an Gauteng, gu do dh’iarr iad R30,000 (mu £1,300) air a theaghlach airson a shaoradh air èirig.
Chaidh a lorg gun mhothachadh aig ostail ann an Johannesburg Diciadain is a thoirt a dh’ospadal airson leigheis.
Thuirt na Poilis gu bheil iad cuideachd a’ feuchainn ri fhaighinn a-mach nan robh an fheadhainn a chaidh a chur an greim an-sàs ann an cùisean eile den leithid san sgìre.