Cuairt-litir #17

Cuairt-litir #17

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Pòsadh aon-sheòrsach

Dh’fhoillsich YouGov rannsachadh Diluain a tha a’ sealltainn gu bheil taic airson pòsadh aon-sheòrsach san Rìoghachd Aonaichte air a dhol an àirde.

Tha toraidhean a’ chunntais-bheachd as ùire a’ sealltainn gu bheil 78 sa cheud a’ cur taic ri pòsadh aon-sheòrsach an taca ri 42 sa cheud ann an 2011 agus thuirt aonar anns gach sianar gu bheil iad na aghaidh, an taca ri 21 sa cheud ann an 2011.

Tha 47 sa cheud eòlach air cuideigin ann am pòsadh aon-sheòrsach, agus tha 84 sa cheud eòlach air cuideigin a tha leasbach, gèidh no dà-sheòrsach.

Lorgar na toraidhean an-seo.

Pròis Bhristol

Dh’ainmich eagraichean Pròis Bhristol Dimàirt nach fhaod pàrtaidhean phoileataigeach pàirt a ghabhail anns an tachartas aca am-bliadhna no sam àm ri teachd gus an nì iad barrachd gus còirichean na coimhearsnachd LGDTC+ air fad a dhìon.

LGB Alliance

Dhiùlt mòd-ceartais cùis-lagha a’ charthannais Mermaids a bha ag amas air inbhe carthannais a striopadh bhon LGB Alliance.

Thagair Mermaids leis gu bheil an LGB Alliance an-sàs ann an gnìomhachd an-aghaidh luchd tar-ghnèitheach, an àite a bhith ag iomairt airson còraichean leasbach, gèidh agus dà-sheòrsach, nach bu chòir inbhe carthannais a bhith orra.

Riaghail an dithis bhritheamh Diardaoin nach eil còir laghail aig Mermaids dùbhlan a thoirt air inbhe a’ chaidreachais agus mar sin dhiùlt iad a’ chùis.

Baile Àtha Cliath

Dh’aidich balach, 16 bliadhna a dh’aois, ann an Cúirt Leanaí Baile Átha Cliath Diciadain gun d’tug e ionnsaigh air càraid leasbach sa bhaile an-uiridh.

Chuala a’ chùirt gun do chleachd e cànan tàireil homafòbach agus gun d’thug e dòrn dhaibh a-rithist is a-rithist.

Thathar ag aithris nach robh am balach eòlach air Robyn Deane, 22, no Kate McCabe, 25, ach gun d’thug e ionnsaigh orra nuair a thug iad cudail dha chèile aig àite-stad bus.

Chuir am britheamh Paul Kelly dàil air binn gus an t-Sultain gus an tèid sealltainn ri aithisgean.

Tha inbheach fireannach a chaidh an-sàs cuideachd a’ feitheamh ri triail fa leth aig a’ Chúirt Chuarda.

Swansea

Chaidh dealbhan-balla LGBTC+ ann an Swansea a mhilleadh le teachdaireachdan an-aghaidh luchd-LGDTC+.

Dh’earb an carthannas, Charitable Housing, air ealainiche Natasha John na dealbhan-ball a chruthachadh gus Mìos na Pròise a chomharrachadh.

Ach tha John air dealbhan a cho-roinneadh air Instagram a-nis a’ sealltainn gun deach an milleadh le graffiti a leughas “only 2 genders” agus stiocairean le teachdaireachdan a leithid “stop grooming our kids” orra.

Chaidh aithris a dhèanamh ris na Poilis.

An Ruis

Tha Ceann-suidhe na Ruise, Vladimir Putin, air clionaigean òrdachadh leigheas a thoirt do luchd LGDTC+ airson tinneas-inntinn.

Tha an òrdugh a’ cur car air co-dhùnadh 1999 gus co-sheòrsachd a chur às an liosta de thinneasan-inntinn.

Chaidh co-sheòrsachd a dhì-sheòrsachadh mar tinneas-inntinn le Buidheann Slàinte na Cruinne ann an 1990.

Nàisean Navajo

Tha Riochdaire Comhairle an Nàisean Navajo, Seth Damon, air bile a mholadh a dhèanadh pòsadh aon-sheòrsach laghail anns an Nàisean Navajo.

Tha pòsadh aon-sheòrsach air a bhith toirmisgte san treubh bho chionn 2005 nuair a chaidh lagh a chur an gnìomh a mhìnich pòsadh mar aonadh eadar fireannach agus boireannach.

Carolina a Tuath

Chleachd Riaghladair Carolina a Tuath, Roy Cooper, veto Diciadain gus stad a chur air trì bilean a chuireadh casg air cùram-slàinte daingneachadh gnè do dh’òigridh, air nigheanan tar-ghnèitheach bho fharpais ann an spòrs na sgoile, agus air foghlaim LGDTC+ ann an sgoiltean.

Carolina a Deas

Tha dithis a chur an grèim as dèidh mar a chaidh tar-fhireannach, 18, fhaighinn marbh ann am Pageland, Carolina a Deas.

Chaidh Jacob Williamson a dhìth 30mh den Ògmhios agus chaidh a fhaighinn marbh feasgar Dimàirt.

Chaidh dithis a chur an greim as dèidh rannsachadh is Joshua Newton, 25, fo chasaid muirt agus bacadh a chur air ceartas agus Victoria Smith, 22, fo chasaidh bacadh a chur air ceartas agus airson a bhith na neach-cuideachaidh.

Cha deach a dhearbhadh fhathast an deach Williamson a mhurt mar thoradh air a’ dhearbh-aithne a bh’ aige.

Salt Lake City

Tha na Poilis ann an Salt Lake City, Utah a’ rannsachadh as dèidh gun deach co-dhiù còig brataich pròise a losgadh.

Read more