Cuairt-litir #9

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Eucoirean gràin a’ dol an àirde an Alba

Tha fiosrachadh a dh’fhoillsich Oifis a’ Chrùin agus Seirbheis Neach-Casaid a’ Chrùin Dimàirt a’ sealltainn gu bheil an àireamh de dh’eucoirean gràin air daoine LGDTC+ an Alba air còrr air dùblachadh san deichead eadar 2013/14 agus 2022/23.

Tha na h-àireamhan a’ sealltainn gun do chlàr Poileas Alba 1,884 eucoirean gràin air sgàth taobhadh feise no dearbh aithne gnè ann an 2022/23 an taca ri 887 cùisean ann an 2013/14.

Deasbad air mìneachadh an fhacal “gnè” ann an Achd na Co-ionnannachd

Bha deasbad ann am Westminster oidhche Luain mu mhìneachadh an fhacal “gnè” ann an Achd na Co-ionnannachd.

Thàinig an deasbad mar thoradh dà athchuinge - tè le 109,463 ainmean a tha ag iarraidh air an riaghaltas an achd atharrachadh gus iomradh a thoirt air “gnè bith-eòlasach” agus tè eile le 138,886 ainmean an aghaidh an atharrachaidh.

Gabhaidh an deasbad a choimhead gu h-ìosal no tha tar-sgrìobhadh ri leughadh an-seo.

Joanna Cherry

Tha Joanna Cherry a’ fulaing càineadh an dèidh dhi a sùilean a chasadh fhad ’s a bha Kirsty Blackman a’ toirt iomradh air neach-taghaidh tar-ghnèitheach a tha air beachdan fèin-mharbhtach fhulang rè deasbad air mìneachadh an fhacal “gnè” ann an Achd na Co-ionnannachd.

Sgeama nan Eucoirean Feise Eachdraidheil (Mathanas agus Dearmadan)

Tha Oifis na Dùthcha air ainmeachadh gu bheil boireannaich is seann-ghaisgich a chaidh a dhìteadh airson gnìomhachd co-sheòrsach a-nis comasach air tagradh a dhèanamh airson mathanas.

Èirinn a Tuath

Dh’fhoillsich Coimisean Èireann a Tuath air Còraichean Daonna aithisg Diluain anns an tuirt iad gu bheil deagh adhbhar ann airson Foghlam Càirdeis is Feisealachd ath-leasachadh as dèidh gun do lorg iad gu bheil cuid de sgoiltean a’ teagaisg cloinne gu bheil càirdeasan aon-sheòrsach ceàrr.

An Eastoin

Tha Ceann-suidhe ùr na h-Eastoine, Lauri Hussar,  air ràdh gum faodadh pòsaidhean is aonaidhean aon-sheòrsach a bhith air an dèanamh laghail san dùthaich an ceann ceithir seachdain.

Ma shoirbheachas bile an Riaghaltais ann am bhòt an ath-sheachdain bidh An Eastoin a’ chiad dùthaich Shobhiatach a-riamh gus pòsadh aon-sheòrsach aithneachadh.

An Ruis

Fhuair bile a chuireadh bacadh air obair-lannsa daingneachadh gnè seachad air a’ chiad leughadh aice ann am Pàrlamaid na Ruise Diciadain. Feumaidh i faighinn seachad air dà leughadh a bharrachd agus bhòt ann an Seòmar-uachdarach na Pàrlamaide mus tèid e gu Ceann-suidhe Putin airson a shoidhnigeadh ‘na lagh.

Illinois

Shoidhnig Riaghladair Illinois, J. B. Pritzker, bile ‘na lagh Diluain gus bacaidhean-leabhair a thoirmeasg san stàit.

Fon reachdas ùr, a thèid a chur an gnìomh 1 dhen Fhaoilleach 2024, chan fhaigh leabhar-lannan cothrom air maoineachadh poblach ma chuireas iad bacadh air leabhraichean.

Baile Eabhraic Nuadh

Shoidhnig Eric Adams, Àrd-bhàillidh Baile Eabhraic Nuadh, àrd-òrdugh Diluain a ghlèidheas cùram-slàinte daingneachadh gnè anns a’ chathair.

Uganda

Tha Roinn Stàit nan SA air rabhadh a thoirt do dh’Aimeireaganaich gun a bhith a’ siubhal gu Uganda as dèidh gun deach co-sheòrsachd a dhèanamh mì-laghail san dùthaich am mìos seo chaidh.

Fon lagh ùr thèid binn-phrìosain a chur air neach sam bith a bhrosnaicheas co-sheòrsachd, binn-bheatha air neach sam bith a thèid a dhìteadh de cho-sheòrsachd agus binn-bhàis air neach sam bith a thèid a dhìteadh airson “aggravated homosexuality” – ionnsaighean dhrabasta air daoine nas òige na 18, no cùisean anns a bheil cuideigin air an galarachadh le HIV.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.