Cuairt-litir #7

Cuairt-litir #7

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

Alba

Chàin Kevin Stewart, Ministear na Còmhdhalach is BPA airson Obar Dheathain Meadhain, an t-amaideas homafòbach a fhauir e air na meadhanan sòisealta as dèidh dha postadh mu Ghrampian Pride air an deireadh-sheachdain.

Bha Ministear an SNP am-measg nam mìltean a bha an làthair aig an tachartas pròise an Obar Dheathain Disathairne.

Thuirt e gum feum na lìonraidhean sòisealta barrachd a dhèanamh gus stad a chur air giùlan uabhasach mar seo.

Uganda

Tha Ceann-suidhe Museveni air bile an-aghaidh co-sheòrsachd a shoidhnigeadh ‘na lagh ann an Uganda.

Fon lagh ùr thèid binn-bheatha a chur air duine sam bith a thèid a dhìteadh de cho-sheòrsachd.

A bharrachd air sin, thèid binn-bhàis a chur air neach sam bith a thèid a dhìteadh airson “aggravated homosexuality” - ionnsaighean dhrabasta air daoine nas òige na 18, no cùisean anns a bheil cuideigin air an galarachadh le HIV.

A’ Phòlainn

Thathar ag aithris gun deach boireannach a losgadh na ceann le gunna BB fhad ‘s a bha i a’ gabhail pàirt ann an caismeachd airson co-ionnannachd LGDTC+ anns a’ Phòlainn air an 20mh den Mhàrt.

Dh’fhuiling i mion-leòntan mu a ceann agus chaidh innse dhan Phoileas.

Iapan

Tha cùirt ann an Sgìre Nagoya, Iapan air riaghladh gu bheil an casg a th’ air pòsadh aon-sheòrsach san dùthaich neo-bhun-reachdail.

Ach ged is e seo an dàrna chùirt Iapanach gus an co-dhùnadh seo a ruighinn, tha dà chùirt eile san dùthaich air riaghladh ann am fàbhar a’ chaisg.

Tha pòsadhean aon-sheòrsach air an aithneachadh anns a h-uile dùthaich G7 ach Iapan.

Read more