Cuairt-litir #6

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan LGDTC+ ionadail, nàiseanta ‘s bho air feadh an t-saoghail.

LGBT Youth Scotland

Tha an carthannas LGBT Youth Scotland air Twitter fhàgail is draghan aca mu sàbhailte na coimhearsnachd LGDTC+ bho chionn gabhail-thairis an lìonraidh ann an 2022.

Thuirt an Dr Mhairi Crawford gu bheil iad a’ faicinn àrdachaidh draghail ann am beachdan anabharrach agus ionnsaighean air buill a’ choimhearsnachd LGDTC+ is air a’ charthannas aca fhèin cuideachd.

Gabhaidh iad fhathast a lorg air Facebook, Instagram, LinkedIn agus an làrach-lìn aca.

Rothaireachd

Tha British Cycling air casg a chur air lùth-chleasaichean tar-ghnèitheach bho farpaisean nam ban.

Thuirt am buidheann-riaghlaidh gun robh an co-dhùnadh aca stèidhichte air “cothromachd”.

Fon phoileasaidh ùr aca, feumaidh lùth-chleasaichean tar-ghnèitheach farpais ann an roinn fhosgailte còmhla ris na fireannaich.

Iowa

Chaidh lagh a shoidhnigeadh le Riaghladair Iowa, Kim Reynolds, Dihaoine a chuireas casg air teagasg cuspairean co-cheangailte ri dearbh-aithne gnè agus taobhadh feise do chloinne eadar aois 5 agus 12.

Tha an lagh cuideachd a’ cur air rianairean-sgoile fios a leigeil do phàrantan ma dh’iarras sgoilear ainm no riochdairean pearsanta diofraichte a chleachdadh.

A bharrachd air sin, tha an lagh a’ leigeil le pàrantan iarraidh leabhraichean is stuthan-teagaisg a thoirt a-mach às an t-seòmar-teagaisg.

Tha e a’ tighinn as dèidh gun do shoidhnig i dà lagh cheannsachail eile sa Mhàrt - Senate File 538 a chur cas air cùram-slàinte daingneachaidh gnè do dhaoine sam bhith fo aois 18 agus Senate File 482 a chur casg air sgoilearan tar-ghnèitheach bho bhith a’ cleachdadh an taighe-bhig a cho-fhreagaireas ris an dearbh-aithne gnè aca.

Cìopras

Bhòt Pàrlamaid Chìopras Diardaoin gus teiripe iompachaidh a dhèanamh ‘na eucoir.

Bidh daoine sam bith a thèid a dhìteadh air a shon buailteach do binn phrìosan dà bhliadhna agus/no peanas-airgid suas ri €5,000.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.