Athchuinge an-aghaidh Bile na h-Aithne Gnè air a chur air dòigh leis a' Phàrtaidh Alba
Tha am pàrtaidh poileataigeach, Alba, air athchuinge a chur air dòigh a tha a’ feuchainn ri stad a chur air Bile Ath-leasachadh Aithneachadh Gnè (Alba) bho bhith a’ dol na lagh.
Tha e a’ tighinn as dèidh gun do dh’ainmich Riaghaltas na h-Alba Diciadain gun dèan iad dùbhlan laghail an-aghaidh mar a chur Riaghaltas na RA stad air a’ bhile.
Chaidh am bile, a dhèanadh e nas fhasa do dhaoine thar-ghnèitheach GRC (teisteanas aithneachadh gnè) fhaighinn, aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba san Dùbhlachd ach thuirt Riaghaltas na RA gun dèanadh e sgaradh eadar diofar dhùthchannan na Rìoghachd Aonaichte agus chleachd iad Earrann 35 de dh’Achd na h-Alba gus stad a chur air bho bhith a’ dol na lagh.
Sgrìobh Alba air an làrach-lìn aca Diardaoin gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba fòcas a dhèanamh air cùisean a tha cudromach do mhuinntir na h-Alba an àite a bhith beò-ghlacte le gnè ach tha Riaghaltas na h-Alba air ràdh gum feum iad a dhol air adhart le dùbhlan laghail an-aghaidh Riaghaltas na RA gus deamocrasaidh na h-Alba a dhìon.