Athchuinge ag iarraidh GRC as dèidh bàis air a dhiùltadh leis an Riaghaltas
Dhiùlt Riaghaltas na RA athchuinge ag iarraidh orra Achd Aithneachadh Gnè 2004 atharrachadh gus am bi teaghlaichean neach tar-ghnèitheach a bhàsaicheas gun teisteanas aithneachadh gnè comasach air iarrtas a chur a-steach as an leth.
Chaidh an athchuinge a thòiseachadh le luchd-iomairt an dèidh gun deach an deugaire tar-ghnèitheach Brianna Ghey a mhurt.
O chionn ’s gun robh Brianna 16 bliadhna a dh’aois, cha robh i comasach air GRC fhaighinn.
Thuirt an Riaghaltas gu bheil Achd Aithneachadh Gnè 2004 èifeachdach, cothromach agus nach eil planaichean aca atharrachadh.