Èirinn: Tar-bhoireannaich toirmeasgte bho rugbaidh nam ban
Tha Aonadh Rugbaidh na h-Èireann (IRFU) air casg a chur air tar-bhoireannaich bho bhith a’ cluich rugbaidh nam ban.
Bidh tar-fhireannaich fhathast comasach air cluich airson sgiobaidhean fireannach ach feumar cead sgrìobhte agus measadh cunnairt mus cluich iad.
Tha seo a’ tighinn as dèidh gun do chur Aonadh Rugbaidh Shasainn (RFU) casg air tar-bhoireannaich am mìos seo chaidh.
Tha tar-bhoireannaich cuideachd air a bhith toirmeasgte bho bhith a’ cluich gu h-eadar-nàiseanta bho chionn 2020.