Thuirt Comataidh Co-ionannachd, Chòraichean Daonna agus Ceartais Shìobhalta aig Taigh an Ròid ann an aithisg ùr na bu thràithe an seachdain seo, nach bu chòir do Riaghaltas na h-Alba feitheamh gus molaidhean Riaghaltas na RA a chluinntinn mus cuir iad casg air teiripe iompachaidh an Alba.

Tha an aithisg ag ràdh gum fheum an reachdas a thathar a’ moladh a bhith làn is coileanta - a’ gabhail gnothach ri oidhirpean sam bith gus an ìomhaigh a thaobh gnè no an taobhadh feise a tha aig neach atharrachadh.

Tha an aithisg cuideachd a’ moladh gun dèan am mìneachadh air cleachdaidhean iompachaidh ann an lagh sam bith a thathar a’ moladh soilleir nach eil a leithid a rud ri cead fiosraichte ris a’ chleachdadh agus nach fhaodar a chleachdadh mar dhìon leis an fheadhainn ga dhèanamh