Seirbheisean fala a’ beachdachadh air a’ chasg a th’ air fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach a chur às

Tha Gay Star News ag aithris gu bheil seirbheisean fala na RA a’ beachdachadh air a’ chasg a th’ air fireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach bho bhith a’ toirt seachad fala a chur às ro dheireadh na bliadhna.

Chaidh na riaghailtean làithreach a chur an sàs ann an Alba, a’ Chuimrigh agus Sasainn ann an 2017 agus ann an Èirinn a-Tuath sa Ghiblean am-bliadhna, agus tha iad ag ràdh nach fhaod fireannach fuil a thoirt seachad ma tha e air a bhith ri feise le fireannach eile anns na trì mìosan mu dheireadh.

Tha buidhnean LCDT+ ag ràdh gur e leth-bhreith a th’ anns a’ chasg agus gu bheil feise le dìon a’ fàgail gu bheil e sàbhailte do dh’fhireannaich co-sheòrsach agus dà-sheòrsach fuil a thoirt seachad.

Stèidhich an Riaghaltas a’ bhuidheann FAIR (For the Assessment of Individual Risk) ann an 2019 gus an casg ath-sgrùdadh.

Tha a’ bhuidheann a’ toirt a-steach riochdairean bho na ceithir seirbheisean fala san RA, buidhnean LCDT+, eòlaichean meidigeach agus saidheansail, agus riochdairean euslainteach is tabhartaiche agus tha iad a-nis air dearbhadh gu bheil iad an dùil an aithisg aca fhoillseachadh ro dheireadh 2020.

Tha an casg air nochdadh anns na naidheachdan a-rithist o chionn ghoirid as dèidh dha nochdadh nach fhaod fireannaich co-sheòrsach a chaidh am feabhas an dèidh a’ choròna-bhìorais plasma fala a thoirt seachad a dh’aindeoin deuchainnean leantainneach anns a bheil doctairean ga thoirt do dh’euslaintich èiginneach leis gu bheil anti-cuirp na bhroinn.

Read more