Derek Ogg air bàsachadh
Tha Derek Ogg, an neach-lagha a stiùir an iomairt gus maitheanas a thoirt do dh’fhireannaich gèidh agus dà-sheòrsach a chaidh a dhìteadh airson eucoirean feise ann an Alba, air bàsachadh aig aois 65.
Tha am BBC ag aithris gun deach Mgr. Ogg a lorg marbh na dhachaigh le oifigearan Dihaoine (1 Cèitean) agus gun d’thuirt iad “nach eil coltas ann gu robh suidheachadh amharasach ann.”
Bha Derek air a bhith an-sàs anns an iomairt airson còirichean LGBT+ bho na 1970an, a’ sabaid airson feise co-sheòrsach a dhèanamh laghail agus gus leth-bhreith a chur às na leabhraichean lagha.
Cho-stèidhich e an carthannas Scottish AIDS Monitor Group anns na 1980an leis an amas daoine ionnsachadh mun ghalar mus do ràinig e Alba gus am biodh fios aca ciamar a dhìonadh iad iad fhèin.
Ann an 2015 chaidh Duais Coileanaidh Fad-bheatha a thoirt dha leis an Lìonra Co-ionannachd.
Ann an aithris air Twitter, thuirt an lìonra:
“Tha sinn uabhasach duillich a chluinntinn gu bheil Derek Ogg QC air bàsachadh. Fad a bheatha, bha Derek na thagraiche dìoghrasach agus prionnsabalach a mhol co-ionannachd agus ceartas. Tha sinn fad’ ann an comain Derek agus tha sinn a’ cur ar co-fhaireachdainn dhùrachdach gu a theaghlach agus a charaidean.”
Thug Prìomh-mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, ùmhlachd do Derek cuideachd. Sgrìobh i air Twitter:
“Is e naidheachd uabhasach a tha seo. B’ e tagraiche air leth agus sàr-dhuine a bh’ ann an Derek. Bidh uiread de dhaoine na dhreuchd agus a bharrachd ga ionndrainn gu mòr. Bha e an-còmhnaidh na thoileachas dhomh cluinntinn bhuaithe mu chùisean air an robh faireachdainnean làidir aige agus bidh mi ag ionndrainn a ghliocas agus a chiall mhath.”