Stad air a chur air an obair gus Achd Aithneachadh Gnè na h-Alba ath-leasachadh

Dhearbh Graeme Dey, Ministear airson Gnothaichean na Pàrlamaid agus Seann-saighdearan, an seachdain seo gun deach dàil a chur air obair a’ Phàrlamaid air cìs turasachd, ath-leasachaidhean gnè agus reachdas Brexit gus an urrainn do BhPA fòcas a dhèanamh air èiginn a’ Choròna-bhìoras.

Thuirt Dey gu robh seo duilich ach gum feumadh an Riaghaltas bilean nach eil riatanach ath-phrìomhachasadh mar thoradh air an oidhirp gus stad a chur air a’ bhìoras.

Sgrìobh Caidreachas Tar-ghnèitheach na h-Alba air an làrach-lìn aca gu bheil iad a’ tuigsinn gum feum èiginn a’ Choròna-bhìoras a bhith na phrìomhachas dha Riaghaltas na h-Alba agus gu bheil iad “a’ coimhead air adhart ri obair còmhla ri Riaghaltas na h-Alba aon uair ‘s gu bheil èiginn a’ Choròna-bhìoras seachad air grunn chùisean leithid ruigsinneachd air cùram-slàinte, dèiligeadh ri eucoirean gràineil agus eòlasan thar-dhaoine òga san sgoil.”

Tha iad cuideachd air litir bho Shirley-Anne Somerville, Rùnaire a’ Chaibineit airson Tèarainteachd Shòisealta agus Daoine nas Sine fhoillseachadh air an làrach-lìn aca, anns an d’thuirt i gu bheil “dealas làidir fhathast aig Riaghaltas na h-Alba ann a bhith ag ath-leasachadh Achd Aithneachadh Gnè 2004 agus leasachadh a dhèanamh air a’ phròiseas làithreach airson tar-dhaoine”.

Mar fhreagairt air an naidheachd, dh’fhoillsich Dr Màiri Crawford, Ceannard Òigridh LGDT na h-Alba, brath air làrach-lìn a’ bhuidheann anns an d’thuirt i:

“Tha mòran dhaoine, daoine òga LGDT agus ar com-pàirtichean nam measg, air oidhirp a dhèanamh gus dàta a chruinneachadh agus freagairtean a chruthachadh do cho-chomhairle Riaghaltas na h-Alba. Chan eil an obair chruaidh seo air chall. Tha na freagairtean sin dligheach agus bidh iad cuideachail nuair a thèid an ath-leasachadh air adhart.”

“Ged a tha e na bhriseadh-dùil gun deach stad a chur air an adhartas gus an GRA ath-leasachadh, agus gum feum tar-dhaoine gabhail ri dàil eile gus na còraichean aca a thoirt air adhart, tha sinn ag aideachadh gum feum Riaghaltas na h-Alba goireasan a chuimseachadh air dèiligeadh ris a’ ghalar mòr-sgaoilte agus taic a thoirt dhan NHS.”

Tha i a’ crìochnachadh am brath le bhith ag ràdh: “Nuair a thigeas an t-àm, cumaidh sinn Riaghaltas na h-Alba ris an gealladh aca gus an GRA ath-leasachadh agus am pròiseas làithreach airson tar-dhaoine a leasachadh. Bidh sinn deiseil airson taic a thoirt do dh’atharrachadh reachdail adhartach gus am bi Alba na h-àite as fheàrr airson tar-dhaoine òga fàs suas.”

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.