Tatù air a dhiùltadh do dhuine le HIV

Tha a’ BhBC ag aithris gu bheil bùth tatù ann an Dùn Dè air duine a dhiùltadh air sgàth ’s gu bheil HIV air.

Chaidh Deejay Bullock dhan bhùth san Iuchar gus tatù ùr fhaighinn airson a cho-là-breith ach chaidh a dhiùltadh nuair a dhearbh e air foirm aithris-àichidh gu bheil HIV air.

Thathar ag aithris nuair a thug an tatùdair sùil air an fhoirm, thuirt e, “Chan eil mi a’ dol a chur mi-fhìn, mo cho-obraichean no duine sam bith eile ann an cunnart”.

Thuirt Deejay gun do chuir e iognadh air gun deach a dhiùltadh air sgàth ’s gun robh e air dà thàtu fhaighinn ann am bùth Obair Dheathain gun thrioblaid sam bith bho dh’ionnsaich e gu bheil HIV air ann an 2009.

Thuirt e ri BBC Scotland gun robh e doirbh dha nuair a dh’ionnsaich e gun robh HIV air agus gun do lughdaich a shlàinte-inntinn mar toradh air.

O chionn 2012 tha e air a bhith ag obair ann an slàinte LCDT agus e ag ràdh gu bheil seo air a mhisneachd a bhrosnachadh agus air a chuidheachadh leis an inbhe aige aontachadh.

Tha HIV Scotland agus buidhnean HIV eile ag ràdh nach eil am bhìoras a’ cur bacadh air daoine a tha airson tatù, tolladh no làimhseachadh cosmaigeach fhaighinn.

A-rèir an stiùireadh oifigeil aca, tha e mì-laghail fo Achd Co-ionannachd 2010 cliantan a dhiùltadh air sgàth ’s gu bheil HIV orra agus chan eil e ceart fo reachdas dìon datà faighneachd ma tha HIV orra.

Bu chòir do thatùdairean agus cliantan a bhith air an dìon le modhan sàbhailteachd àbhaisteach a-leithid seasgachadh an uidheamachd agus cleachdadh miotagan, inc agus snàthadan ùr a airson gach cliant.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.