Iomairt airson tachartas pròise a chumail ann am Moireabh

Chaidh iomairt a stèidheachadh gus fèis‑pròise a chumail ann am Moireabh an ath‑bhliadhna.

Chaidh an iomairt a stèidheachadh leis a’ bhuidheann LGBT Moray agus tha iad gu bhith a’ cumail a’ chiad choinneamh dealbhaidh aca Dihaoine 6mh dhen Sultain aig 5:30f anns a’ Chaberfeidh, Eilginn.

Ma tha thu airson an coinneamh a fhrithealadh cuir fios dhaibh air Facebook.

Fàg beachd