Cha tèid bratach a' bhogha-fhroise a thaisbeanadh le CNES rè Fèis-pròise na h-Innse Gall
Tha Comhairle nan Eilean Siar air dearbhadh nach tèid bratach a’ bhogha-fhroise a thaisbeanadh taobh a-muigh nan oifisean aca ann an Steòrnabhagh rè Fèis-pròise na h-Innse Gall a bhios a’ dol air adhart sa bhaile a-màireach.
Sgrìobh a’ chomhairle post-d ri eagraichean an tachartais air thòiseach air a’ chiad caismeachd aca an-uiridh anns an tuirt iad gur e poileasaidh a’ chomhairle gun a bhith a’ taisbeanadh diofar brataichean taobh a-muigh nan oifisean aca air sgàth an àireamh de dh’iarrtasan a bhios iad a’ faighinn agus iad airson a bhith cothromachd dhan a h-uile duine.
Tha am P&J ag aithris gu bheil a’ chomhairle a-nis air dearbhadh nach eil am poileasaidh seo air atharrachadh.
A dh’aindeoin an co-dhùnadh, tha eagraichean an tachartais air moladh a thoirt air a’ chomhairle airson an taic. Thuirt Susan Erbida, Cathraiche Comataidh Fèis-pròise na h-Innse Gall:
“Feumaidh mi ràdh, gu bheil a’ chomhairle air a bhith glè thaiceil – ged nach eil brathach a’ bhogha-fhroise againn fhathast agus chan fhaigh sinn e ach tha sinn ag obair air sin.”