Fèis-pròise air a chumail san Òban airson a’ chiad turas

Chaidh caismeachd pròise a chumail san Òban an-dè airson a’ chiad turas a-riamh.

Bha an caismeachd aig teas-mheadhan sreath de thachartasan pròise thairis an deireadh sheachdain le luchd-caismeachd a’ coiseachd bho Cèarnag Stèisean an Òbain gu Markie Dans.

Nam measg bha Ministear airson Co-ionannachd, BPA Christina McKelvie agus Rùnaire a’ Chaibineit, BPA Mìcheal Russell.

BPA Christina McKelvie & BPA Mìcheal Russell aig Feise-proise an Òbain 2019

A bharrachd air an caismeachd, chaidh bàl a chumail oidhche Shathairne anns an robh cuirm-cluich leis a’ bhanrigh-draga Venus Guytrap agus chaidh Tùr MhicCaig a shoillseachadh ann an dathan bratach a’ bhoga-fhrois.

Tùr MhicCaig air a shoillseachadh ann an dathan bractach a’ bhogha-frois

Thig an tachartas gu crìoch le sgrìonadh sònraichte dhen fhilm, The Adventures of Priscilla, Queen of the Desert, oidhche Dhòmhnaich.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.