Planaichean Fèis-pròise Ghlaschu air a dhiùltadh leis a' chomhairle
Tha Glasgow Life air dearbhadh nach tèid Fèis-pròise Ghlaschu a chumail aig Taigh-tasgaidh Taobh na h-Aibhne am-bliadhna air sgàth ’s suim airgid a tha fhathast ri phàigheadh ris a’ chomhairle airson tachartasan roimhe.
Ann an aithris ri Phink Saltire madainn an-diugh thuirt an carthannas, a bhios a’ ruith goireasan cultarach as leth Comhairle Baile Ghlaschu, nach fhaod an tachartas goireasan comhairle a chleachdadh airson tachartas am-bliadhna.
Tha grunn dhuilgheadasan air a bhith aig an tachartas anns na mìosan a chaidh seachad.
Chaidh a chàineadh an-uiridh air sgàth ’s gun deach cus tiocaidean a reic agus nach robh cuid de dhaoine comasach air a dhol ann. Cuideachd bha gearanan mu dheidhinn droch-làimhseachadh de chleasaichean agus luchd-aoigheachd.
As t-fhoghar chaidh a dhearbhadh gun robh am poileas a’ toirt sùil air ionmhas na buidhne agus aig coinneamh poblach as t-Samhain dhearbh Stiùirich na Buidhne, Chris Laing, gun robh £32,500 fhathast aca ri phàigheadh ris a’ chomhairle.
Anns an aithisg bliadhnail aca dhan riaghlaiche carthannais OSCR, a ghabhas a leughadh an-seo, dhearbh iad call còrr ’s £46,000 an-uiridh, a’ toirt a-steach caiteachas mì-cheadaichte de £41,422.
Tha comhairle a’ bhaile a-nis air an taic aca a chur ris a’ bhuidheann ùr LGBT Co-operative a bhios a’ cumail an tachartas an-asgaidh Mardi Gla sa bhaile as t-samhraidh.