Connspaid mu dheidhinn pòsadh aon-sheòrsach ag adhbharachadh sgaradh ann an Eaglais Easbaigeach na h-Alba
Tha 87% de bhuill Eaglais Choimhearsnachd Westhill ann an Siorrachd Obair Dheathain air bhòtadh gus briseadh air falbh bho Eaglais Easbaigeach na h-Alba air sgàth ‘s suidheachadh a’ bhuidheann nàiseanta a-thaobh pòsadh aon-sheòrsach.
Thuirt an t-Urr. Fearghasdan ri The Press & Journal:
“Tha mi gu math duilich gu bheil an ìre seo air tighinn, tha e a’ briseadh mo chidhe.”
“Tha mi air a bhith nam bhall ann an Eaglais Easbaigeach na h-Alba airson grunn deicheadan agus cha robh mi airson a bhith san suidheachadh seo.”
“Tha e ro thràth a ràdh an dràsta dè a thachras a-nis.”
“Leanaidh sinn oirnn a bhith nan Anglaich Ortadogsach agus cha bhi sinn a’ cruthachadh buidheann ùr.”
Ann an 2017 bhòt Seanadh na h-Eaglaise gus cead a thoirt do phòsaidhean aon-sheòrsach.
Leig an t-Urr. Fearghasdan a dhreuchd ann an Caibideil a’ Chathair-eaglais air sgàth ‘s a’ cho-dhùnadh sin ag ràdh gun do bhòt an sgìre-easbaig aige an-aghaidh sagairtean a’ gabhail pàirt ann an pòsaidhean aon-sheòrsach.
Thàinig a’ chùis gu ceann an-uiridh nuair a chaidh an t-Urr. Anna Dyer na h-Easbaig Obair Dheathain agus Arcaibh.
Sgrìobh an t-Urr. Fearghasdan litir ri ceannardan na h-eaglaise anns an do thuirt e:
“Thuirt an Easbaig a bh’ againn aig an àm gu robh e an-aghaidh chlàr-ghnothaich ath-sgrùdachail dhen t-seòrsa seo, a’ comharrachadh cha e a-mhàin am beachd pearsanta aige fhèin, ach beachd an sgìre-easbaig againn.”
“A dh’aindeoin sin, ge-tà, tha sibh air easbaig a chur an dreuchd nach eil dìreach a’ toirt taic do phòsadh aon-sheòrsach, ach a tha air pòsaidhean aon-sheòrsach a stiùireadh.”
Ann an aithris mun naidheachd as ùire thuirt an t-Urr. Dyre gu bheil i gu math duilich gu bheil Eaglais Choimhearsnachd Westhill airson briseadh air falbh bhon Eaglais Easbaigeach na h-Alba agus gum bi i ag obair còmhla riutha gus an t-eadar-ghluasad a dhèanamh.