Comhairliche tar-ghnèitheach Albannach a’ leigeil às an dreuchd mar thoradh air droch dhìol

Tha an aon comhairliche tar-ghnèitheach ann an Alba air ainmeachadh gum bidh iad a’ leigeil às chuid dhe na dreuchdan aca mar thoradh air “sreath de dhroch dhìol guineach agus seasmhach” a’ toirt a-steach bagairtean bàis.

Dh’ainmich Comhairliche Gregor Murray air Facebook gum biodh iad* a’ leigeil às na dreuchdan aca mar Neach-gairm Comataidh Seirbheis Clann agus Teaghlaichean agus mar Neach-labhairt airson Cothroman Co-ionannachd ach gum biodh iad fhathast nan Comhairliche airson Dùn Dè.

*Tha Gregor neo-bhìnearaidh agus ’s fheàrr leotha an riochdair iad a chleachdadh.

Ann an litir gu Ceannard na Comhairle, John Alexander, thug Murray iomradh air an droch dhìol a dh’fhuiling iad thairis air na mìosan a dh’fhalbh agus thuirt iad gur e seo an co-dhùnadh as fheàrr airson an slàinte-inntinn a tha air tuiteam fon ìre far am bu chòir dha bhith.

Chaidh Comhairliche Murray a chàineadh airson cànan a chleachd iad ann am brathan air-loidhne le buidhnean boireannaich.

An-uiridh, thug iad iomradh air a’ bhuidheann Women 50:50 mar “absolute roasters”, a ‘cosnadh càineadh bhon bhallrachd le Ceannard Pàrtaidh Làbarach na h-Alba, Kezia Dugdale, nam measg.

San Iuchar thug iad iomradh air buidheann-gnìomha leasbach mar “utter ****s” an dèidh dhaibh caismeachd-pròise ann an Lunnainn a ghlasadh.

Dhearbh Comhairliche Alexander gu bheil e air gabhail ri co-dhùnadh Comhairliche Gregor:

“Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e ceart gu bheil iad air leisgeul a dhèanamh.”

“Tha e follaiseach gun do thuit cànan agus giùlan Comhairliche Murray fada fo na h-ìrean a bhiodh mi fhèin agus am poball an dùil bho bhall taghte agus ’s e mearachd a bh’ ann. Cha bhi mi a’ dìon giùlain no cànan mar sin. ”

A dh’aindeoin sin thuirt Mgr Alexander gun robh Murray aon dhe na comhairlichean as dìcheallaiche agus gu bheil iad air tòrr a dhèanamh gus beathannan muinntir Dhùn Dè a leasachadh.

Ann an co-dhùnadh thuirt e:

“Aig an àm seo, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e cudromach gu bheil Gregor a’ toirt ùine a bhith a’ beachdachadh air na tha air tachairt bho chionn ghoirid, a bhith a’ dèanamh fòcas air an slàinte, agus gu bheil iad a’ faighinn taic tron ùine seo.”

Read more