Riaghaltas na h-Èireann air leisgeul a thoirt do dhaoine co-sheòrsach a chaidh a dhìteadh fo laghan eachdraidheil

Tha Riaghaltas na h-Èireann air leisgeul foirmeil a thoirt do dhaoine co-sheòrsach a chaidh a dhìteadh fo laghan eachdraidheil.

Ann an aithris dha Dáil Éireann thuirt Prìomhaire Leo Varadkar, a tha co-sheòrsach:

“An-diugh ’s e na gaisgich neo-ainmichte a tha mi airson moladh gu làidir, na mìltean de dhaoine neo-ainmichte a chaidh a dhìteadh leis ar sinnsearan.”

“Chan urrainn dhuinn an ana-cheartas a chaidh a dhèanamh orra a cheartachadh, [ach] ‘s urrainn dhuinn a ràdh gu bheil sinn mar comann air ionnsachadh bhon fhulangas aca. Tha na sgeulachdan aca air cuideachadh le bhith gar dèanamh nas fheàrr; tha iad air ar dèanamh nas ceadaiche, nas tuigsiche agus nas daonndaiche.”

Thuirt Charlie Flanagan, Ministear a’ Cheartais agus na Co-ionnannachd dha Seanadh na h-Éireann:

“Tha mi a’ toirt leisgeul gu duine sam bith a dh’fhairich an dochann agus an aonaranachd a chruthaich na laghan sin, agus gu h-àraid dhaibhsan a chaidh a dhìteadh le laghan mar sin.”

“Cha ghabh dad sam bith a ràdh an seo an-diugh a dh’atharraicheas am fulangas agus an leth-bhreith a dh’fhuiling a’ choimhearsnachd co-sheòrsach sna bliadhnaichean ro dhì-eucoireachadh.”

Tha an leisgeul a’ tighinn air thoiseach air cuirm a chomharraicheas 25 bliadhna bhon a chaidh co-sheòrsachd a dhì-eucoireachadh. Thèid an cuirm a chumail ann an Caisteal Bhaile Átha Cliath an ath-sheachdain agus thathar an dùil gum bi còrr is 700 duine an làthair.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon, Threads, Instagram, no Twitter.