Nicola Sturgeon na h-Àrd-Mharasgal na Caismeachd aig Fèis-pròise Ghlaschu
Bha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon aig ceann na caismeachd aig Fèis-pròise Ghlaschu an-dè.
Air thoiseach air an tachartas, thuirt Ms Sturgeon:
“Tha mi pròiseil gu bheilear a’ beachdachadh air Alba mar aon de na dùthchannan as adhartaiche san Roinn Eòrpa a-thaobh co-ionnanachd LCDTE agus tha Fèis-pròise Ghlaschu na thachartas mìorbhaileach a bheireas coimhearsnachdan còmhla agus a chomharraicheas a h-uile rud gu bheil daoine LCDTE a’ toirt ri beatha Albannach.”
“Mar chomann-sòisealta feumaidh sinn co-ionnanachd agus cothromachd a bhrosnachadh fad na h-ùine agus an adhartais a chaidh a dhèanamh a dhìon.”
“Tha mi toilichte a bhith air ainmeachadh mar a’ chiad Àrd-Mharasgal urramach a-riamh aig Fèis-pròise Ghlaschu agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ gabhail pàirt anns a’ chaismeachd leis na daoine òga LCDTE gus Bliadhna Òigridh na h-Alba a chomharrachadh.”
Ann an aithris ris na luchd-frithealaidh, thuirt i:
“A dh’aindeoin tachartasan eile a tha a ‘tachairt ann an àiteachan eile ann an Alba an-diugh, tha mi ag innse dhuibh bho bhonn mo chridhe tha mi ag innse dhut cho moiteil’ sa tha mi a bhith an seo an-diugh, chan eil àite ann a bu toigh leam a bhith na seo ann an Glaschu”.
“Tha fios againn gum feum sinn fhathast seasamh airson còraichean tar-ghnèitheach agus an aghaidh gràin-tar-ghnèitheachd agus gràin-co-sheòrsachd agus nì sinn sin.”
“Tha caismeachdan-pròise mu dheidhinn a bhith a’ comharrachadh agus a’ daingneachadh luachan na mo bheachdsa a tha cudromach do mhòran dhaoine air feadh na dùthcha. Luachan mar fhulangas agus spèis agus iomadachd agus gràdh agus tha mi a’ smaoineachadh gur e rud iomchaidh dhomhsa mar Phrìomh Mhinistear a bhith a’ gabhail phàirt anns an latha seo agus tha mi pròiseil a bhith ga dhèanamh.”
Cuideachd mhol i Blair Wilson, duine à Baile Nèill, Siorrachd Rinn Friù an Ear, a sgaoil bhidio air loidhne às dèidh dha ionnsaigh a thoirt air airson a bhith co-sheòrsach:-
“Sa mhadainn, chunnaic mi bhidio a chaidh a phostadh le duine òg air ainmeachadh Blair Wilson, chan eil fhios ’am ma tha e an-seo an-diugh, ach dh’fhuiling Blair ionnsaigh uamhasach, neo-adhbharach, gràineil ri daoine co-sheòrsach o chionn ghoirid”
“Ach an àite a bhith a’ falachadh, bhruidhinn e a-mach agus leig dhomh seo a ràdh; ’s e na prionnsabalan agus na luachan de dh’urram, mhisneachd agus thruas a chaidh a thaisbeanadh leis an duine òg sin a bu chòir a bhith a’ mìneachadh ar dùthcha. Agus mar sin Blair, tha sinn uile a’ seasamh còmhla riut.”
Thuirt Alastair Mac a’ Ghobhainn, Àrd-oifigear Fèis-pròise Ghlaschu:
“Tha sinn air leth toilichte Prìomh Mhinistear Nicola Sturgeon ainmeachadh mar a’ chiad Àrd-Mharasgal urramach aig Fèis-pròise Ghlaschu mar chomharra air an taic a tha i air a bhith a’ toirt ri co-ionnanachd LCDTE o chionn fhada.”
Nuair a bha i na Rùnaire na Slàinte, chuidich Ms Sturgeon le leasachadh co-ionnanachd pòsaidh ann an Alba agus bhon uair sin tha i air a ràdh gur e an latha a dh’aontaich a’ Phàrlamaid ris pòsaidhean co-ionann aon de na h-amannan as pròiseil den ùine aice mar BPA. Mar Phrìomh Mhinistear tha i air co-ionnanachd a ghealltainn do dhaoine tar-ghnèitheach le bhith ag ath-leasachadh Achd Aithneachadh Gnè na h-Alba.
A-rèir luchd-eagrachaidh bha àireamh de chòrr is 12,000 a’ gabhail pàirt anns a’ chaismeachd.
Ghabh Prìomhaire Chanada, Justin Trudeau agus Taoiseach na h-Èireann, Leo Varadkar, pàirt ann an caismeachdan o chionn ghoirid ach b’ e seo a’ chiad turas a-riamh gu bheil ceannard Bhreatannach air caismeachd fhad ’s a bha iad fhathast ann an oifis.